Dragh mu dhàil Ospadal Bharraigh

Bàgh a' Chaisteil

Sgrìobh an Comhairliche Barrach, Dòmhnall Manford, gu Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, ag iarraidh rannsachaidh air an dàil ann an ospadal ùr dhan eilean.

Thuirt Mgr Manford gu bheil e a' teannadh ri deich bliadhna bho thuirt Ministear na Slàinte aig an àm, Nicola Sturgeon, gun robh cruaidh-fheum aig Barraigh air ospadal ùr.

Agus e ag ràdh gu bheil muinntir an eilein airidh air innse dhaibh carson a tha a' chùis a' toirt cho fada.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil an t-àm ann rannsachadh a bhith ann," thuirt e.

Cùis Ghnìomhachais

"Sgrìobh mi chun a' mhinisteir an t-seachdain seo chaidh, agus chuir mi romhpa gu bheil seo air a bhith a' ruith o 2007.

"Agus chan eil daoine a' tuigsinn ann am Barraigh gu dè mar a tha, agus carson a tha e a' toirt cho fada na ceumannan seo a thoirt air n-aghaidh.

"Tha tìde ann rannsachadh a bhith ann.

"Ach bidh sinn an dòchas ge-tà, feumaidh sinn a bhith faiceallach, nach gabh sin a bhith air usaideachadh na leisgeul airson bacadh nas motha a dhèanamh air a' phròiseact a th ann.

"Am fiosrachadh a th' agam fhèin a' coimhead a-staigh ann, chan eil mi a' tuigsinn idir idir gu dè mar a tha e a' toirt cho fada.

"Dh'fhaighnich sinn. Chaidh cùis ghnìomhachais a sgrìobhadh airson a chur chun an Riaghaltais ann an 2014.

"Agus chaidh iarraidh orra barrachd fhiosrachaidh a chur ann.

"'S e an tuigse a th' agam gur e mu thimcheall air an ospadal agus an taigh-cùraim obrachadh nas dlùithe ri chèile seagh a' Chomhairle agus am Bòrd Slàinte.

"Tha iad gun sin a chur ri chèile fhathast.

"Tha e dìreach do-chreidsinneach carson a tha rud den t-seòrsa sin a' toirt cho fada.

"Chan e a-mhàin sin, ach bho thòisich e thathas a' dùblachadh na cosgais.

"Tha a' chosgais ag èirigh 's e ag èirigh fad na h-ùine.

"Feumaidh na ceistean sin a bhith air am freagairt airson 's gun urrainn dhuinn faireachdainn toilichte, agus earbsa a bhith againn gu bheil sinn mu dheireadh thall a' gluasad air n-aghaidh," thuirt e.