Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An Dùbhlachd 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Buidseat

Thuirt Rùnaire an Ionmhais, Derek MacAoidh, gu bheil e an dòchas gun toir am buidseat a chuireas e mu choinneimh na Pàrlamaid ann an Dùn Èideann an-diugh misneachd do theaghlaichean agus do ghnìomhachas. Tha am buidseat a' moladh taic dhan NHS agus tuilleadh airgid do dh'fhoghlam. Bidh aire cuideachd air cìsean agus dè nì an Riaghaltas leis na cumhachdan ùra a thàinig à Westminster. Tha na Tòraidhean a' càineadh a phlanaichean airson chìsean agus tha na Làbaraich ag ràdh gum fulaing ionmhas nan ùghdarrasan ionadail.

Siria

Thuirt a' Chrois Dhearg gun deach tòiseachadh air sìobhaltaich agus saighdearan reubaltach a thoirt a-mach à baile Aleppo ann an Siria. Chaidh aonta às ùr a dhèanamh nas tràithe an-diugh an dèidh do dh'aonta den aon sheòrsa anns a' mhadainn an-dè tuiteam às a cheile aig a' mhionaid mu dheireadh, le sabaid às ùr a' tòiseachadh an dèidh sin eadar na reubaltaich agus na feachdan a th' air taobh an Riaghaltais.

Brexit

Dh'innis Àrd-Thosgaire na Rìoghachd Aonaichte anns a' Bhruiseil dhan Riaghaltas gur dòcha gun toir e cho fada ri deich bliadhna Breatainn a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach agus gum bi e cha mhòr do-dhèanta taic fhaighinn bho dhùthchannan eile an EU gu lèir. Thuirt Sràid Downing ge-tà, nach robh Sir Ivan Rogers ach ag innse dhaibh dè am beachd a th' aig dùthchannan eile an EU air an t-suidheachadh, rud air an robh fios aca roimhe.

Barraigh

Sgrìobh an comhairliche Barrach, Dòmhnall Manford, gu Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, 's e ag iarraidh rannsachaidh air an dàil ann an ospadal ùr dhan eilean. Thuirt Mgr Manford gu bheil e a' teannadh ri deich bliadhna bho thuirt Ministear na Slàinte aig an àm, Nicola Sturgeon, gun robh cruaidh-fheum aig Barraigh air ospadal ùr agus tha e ag ràdh gu bheil muinntir an eilein làn-airidh a-nise air innse dhaibh carson a tha a' chùis a' toirt cho fada.

Brian McKandie

Tha poilis a tha a' rannsachadh muirt ann an Siorrachd Obar Dheathain a' coimhead airson ge b' e cò a sgrìobh litir anns a bheil fiosrachadh mun chùis. Fhuair na Poilis corp Brian McKandie, a bha 67 bliadhna de dh'aois, na dhachaigh faisg air Ràth Thormoid air 12na am Màrt am-bliadhna. Chaidh an litir a chur gu stèisean poilis goirid an dèidh sin. Tha iad a' coimhead cuideachd airson duine a chaidh fhaicinn a' coiseachd faisg air dachaigh Mhgr McKandie aig àm a' bhàis.

Comhairle na Gàidhealtachd

Thèid innse do chomhairlichean an-diugh dè an t-adhartas a tha Comhairle na Gàidhealtachd a' dèanamh agus iad a' coimhead ri dòighean-obrach ùra far am bi coimhearsnachdan a' dèanamh barrachd dhaibh fhèin agus a' Chomhairle a' ruith sheirbheisean ann an dòigh nas coimeirsealta. Chuir a' Chomhairle romhpa as t-Earrach am-bliadhna gum feum iad atharrachadh leis cho gann 's a tha an t-airgead aca.