Suas no sìos?

Ciamar a chaidh dha Derek MacAoidh na chaid òraid buidseit do Phàrlamaid na h-Alba?

Thar nam bliadhna, dh'fhàs John Swinney - agus sinn fhìn - gu math cleachdte ris an tachartas bhliadhnail seo.

Às dèidh naoi bliadhna, b' urrainn don leas-phrìomh mhinistear suidhe agus èisteachd fhad 's a ghabh am fear a b' òige an t-uallach.

Cha robh Mgr MacAoidh cho buileach siùbhlach ris an t-seann rùnaire ionmhais, mar a bhiodh dùil, is dòcha, airson a' chiad bhuidseit aige.

Ach air làithean mar seo, is e àireamh nas motha na faclan a tha a' cunntadh.

Agus, air na h-àireamhan, tha na t-uallach air Mgr Swinney, Ms Sturgeon agus an Riaghaltas air fad.

Gearradh

Am bliadhna, tha aire air maoineachadh sheirbhisean ionadail.

(Is beag an t-iongnadh agus na taghaidhean Comhairle a-nis air fàire as t-Earrach).

Thog na h-aonaidhean ciùird fianais taobh a-muigh na Pàrlamaid air a' mhadainn ag ràdh nach b' urrainn do choimhearsnachdan tuilleadh ghearraidhean fhuilling.

Tha an gearan sin a thogail taobh a-staigh leis na Làbaraich agus ag ràdh gun tèid buidseat nan comhairlean a ghearradh an ath-bhliadhna le £327m ann an dà-rìribh.

Ach tha an Riaghaltas fhèin a' dol às àidhcheadh sin.

Their iadsan gu bheil an t-suim a' dol suas le £175m agus tha an cothrom aig na Comhairle barrachd a thogail.

Airgead

Cò dhiù a tha ceart?

Tha an t-airgead a bhios fo smachd nan comhairlean a' dol sìos, a rèir àireamhan an riaghaltais, le £182m.

Ach gheibh na comhairlean airgead cuideachd bho leasachadh na Cìse Comhairle, agus airgead gus seirbhisean slàinte agus cùram sòisealta a thoirt còmhla.

A bharrachd air sin, gheibh sgoiltean £120m airson a' bheàrn eadar bochd is beartach anns an t-siostam foghlaim a dhùnadh.

(Cha tig sin a-nis bhon a' chìs chomhairle mar a bha dùil, ach bho airgead an riaghaltais fhèin).

Mar sin tha an riaghaltas a' cumail a-mach gu bheil an t-airgead a tha ann airson seirbhisean a' dol suas ged a tha buidseat nan comhairlean a' dol sìos.

Taic

Their iad cuideachd gu bheil reòthadh na cìse comhairle a' tighinn gu crìch as t-Earrach, a' fàgail gu bheil cothrom aig comhairlean a' chìs chomhairle a chur suas - le suas ri 3% - ma tha barrachd airgid a dhìth orra.

Fhuair Riaghaltas na h-Alba fhèin an dearbh theachdaireachd bho Westminster.

Seo a' chiad bhuidseat anns am bi Holyrood a' stèidheachadh ìrean agus bannan na cìse cosnaidh, agus, mar a bha dùil, dhearbh Rùnaire an Ionmhais gun tèid a' bhun-ìre a reòthadh.

Is e a' cheist a-nis ma-thà am faigh Mgr MacAoidh an taic a tha a dhìth air airson am buidseat seo fhaighinn troimhe.

Às dèidh don SNP a' mhòr-chuid aca a chall, feumaidh e taic bho co-dhiù aon de na pàrtaidhean eile.

Leis an taghadh comhairle air fàire, tha fios nach faigh e aonta leotha gu furasta.