Meòrachadh is £240m a bharrachd do chomhairlean

Airgead Image copyright PA

Tha Comhairlean na h-Alba a' meòrachadh air mar as urrainnear an tuilleadh sheirbheisean a ghearradh 's lùghdachadh eile air fàire anns na buidseatan aca an dèidh na dh'ainmich Rùnaire an Ionmhais, Derek Macaoidh, Diardaoin.

Bidh aig Comhairle Ghlaschu agus Comhairle Fìobha ri £90m a chùmhnadh - le Comhairle nan Eilean Siar a' sùileachadh toll timcheall air £5m.

Tha Comhairlean na h-Alba gu mòr an urra ri Riaghaltas na dùthcha airson an cuid airgid.

Mhìnich Mgr MacAoidh ro-innleachd nàiseanta an ionmhais Diardaoin.

Gheall e £240m a bharrachd do sheirbheisean ionadail leithid iomairtean foghlaim agus sòisealta.

Ach tha cuid a' cumail a-mach gum bi sin a' fàgail nas lugha ann an sporrain nan comhairlean, leis an airgead ùr mar thà air a chomharrachahd airson sgeamaichean sònraichte.

Tha roghainn aig comhairlean Cìs na Comhairle àrdachadh 3%, an dèidh reothadh a th' air a bhith air a' chìs aig ìre nàiseanta fad bhliadhnaichean, no tuilleadh sheirbheisean a ghearradh.

Thuirt Stiùiriche an Ionmhais aig Comhairle na Gàidhealtachd, Derek Yule, gun robh dragh air gu sònraichte mun bhuaidh a bheireadh an t-aonta air seireisean ionadail.

Thuirt pàrtaidhean dùbhlain aig Holyrood gun caill comhairlean na h-Alba, ann an da-rìribh, £327m de mhaoineachadh an ath-bhliadhna.

Thuirt Mgr Yule gu bheileas fhathast a' sireadh soilleireachaidh air na figearan, ach gu bheil dragh air nach e deagh naidheachd a bhios ann.

"Gu follaiseach, tha beàrn timcheall air £30m mu ar coinneimh an ath-bhliadhna," thuirt e.

"Tha sin a' gabhail a-steach tomhais timcheall air 4% - so ma bhios an suidheachadh nas miosa na sin, fàgaidh sin gum bi a' bheàrn maoineachaidh nas motha cuideachd.

"'S e seirbheisean bunaideach a tha seo, agus ged a tha sinn a' cur fàilte air an airgead a bharrachd do dh'fhoghlam agus seirbheisean sòisealta, 's ann air na roinnean seirbheis nach eil air an dìon leis an Riaghaltas a thuiteas a' chuid as motha de na gearraidhean aig ìre ionadail."

Thuirt Ceannard Chomhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, gu bheil planaichean buidseat an Riaghaltais Albannaich nas miosa na bha dùil aca.

"Is coltach gun tig call maoineachaidh timcheall air £5m oirnn," thuirt e.

"Tha seo seachad air an t-suidheachadh as miosa ris an robh dùil againn, le cuid de na teachdaireachan brosnachail a bha a' tighinn a-mach - fiù 's leis an àrdachadh air Cìs na Comhairle," thuirt e.