Buidseat HIE ga ghearradh

HIE

Rinn pàrtaidhean dùbhlain càineadh air Riaghaltas na h-Alba airson maoineachadh Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) a ghearradh.

An dèidh do Rùnaire an Ionmhais, Derek MacAoidh, dreach bhuidseat na h-ath bhliadhna fhoillseachadh, thuirt na Làbaraich agus Lib-Deamaich gum biodh lùghdachadh sa bhuidseat de £7.5m - gearradh 10%.

Dh'fhàgh am BPA Làbarach, Rhoda Ghrannd, air an Riaghaltas gun robh an gearradh na dhearbhadh gu bheil an SNP ag amas air HIE a thoirt às a chèile.

Tha an Riaghaltas mar thà air planaichean fhoillseachadh airson cur às do bhòrd-stiùiridh HIE, agus a chur fo sgèith bhùird-stiùiridh ùir nàiseanta a bhios an urra ris na buidhnean leasachaidh gu lèir.

Thuirt labharaiche bho Riaghaltas na h-Alba gur e deagh aonta a bh' ann do HIE, a tha a' cumail na h-ìre airgid aca agus ag àrdachadh a' bhuidseit ghoireasan aca £2.7m nuair a bheirear a-steach sàbhalaidhean a rinn HIE.

Thuirt an labhraiche cuideachd gun robh am buidseat a' daingneachadh dealas an Riaghaltais gus dèanamh cinnteach gun cumadh HIE orra a' lìbhrigeadh sheirbheisean air leth air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.