Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An Dùbhlachd 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Aleppo

Chaidh stad a chur air an iomairt daoine a ghluasad a-mach à taobh sear Aleppo ann an Siria. Tha an dà thaobh a' fàgail air a chèile gun do loisg iad air sreath bhusaichean a bha a' fàgail a' bhaile. Thuirt oifigich Ruiseanach gun deach mu 6,000 duine a ghluasad a-mach à sgìre a bha fo smachd nan reubaltach anns na 24 uairean mu dheireadh.

Comhairlean

Tha Ùghdarrasan Ionadail ann an Alba ag ràdh nach bi uimhir de dh'airgead aca an ath-bhliadhna às dèidh an dreach bhuidseat a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba an-dè. Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gum feumaiste coimhead air na figearan ach gum faodadh beàrn de £5m a bhith acasan a-nis. Tha Comhairle na Gàidhealtachd cuideachd a' sùileachadh gearradh. Thuirt Rùnaire an Ionmhais, Derek MacAoidh, gu bheil e a' cur còrr air £200m an sàs ann an seirbheisean ionadail, ach tha na pàrtaidhean dùbhlain a' cur an aghaidh na suime sin.

Aimeireaga

Thuirt an Ceann-Suidhe Obama gum freagair Aimeireaga ionnsaighean coimpiutair a thathas ag ràdh a chuir an Ruis an gnìomh feuch tionndadh a thoirt air taghaidhean Chinn-Suidhe Aimeireaga. A' bruidhinn ri NPR thuirt e gum freagradh Aimeireaga uaireigin na dòigh fhein. Tha Mosgo a' dol às àicheadh nan casaidean.

Aiseag a' Chorrain

Tha dragh ann an Loch Abar mu mholadh faraidhean Aiseig a' Chorrain a chur suas. Tha àrdachadh air na faraidhean am measg na tha san amharc aig Comhairle na Gàidhealtachd a thaobh a' bhuidseit aca, a rèir fiosrachaidh a chunnaic Radio nan Gàidheal. Thuirt fear de Chomhairlichean na sgìre, Anndra Bacastair, gum falbh daoine à Àird nam Murchan ma thig an t-àrdachadh 10% gu buil.

Corrie Mckeague

Tha an teaghlach aig seirbheisiche RAF a th' air a bhith a dhìth airson dusan seachdain a' cur iomairt air dòigh aig an deireadh-sheachdain, feuch a lorg. Chaidh Corrie McKeague à Dùn Phàrlain, a tha 23 bliadhna, fhaicinn mu dheireadh air 24 an t-Sultain ann am Bury St Edmonds. Bha e air a bhith a-muigh còmhla ri caraidean.

Mèirle

Chaidh fear a chur fo chasaid an co-cheangail ri mèirle aig Banca na h-Alba ann an Dùn Chailleann air 29 an t-Samhain. Tha dùil ri fear aois 28 bliadhna ann an Cùirt an t-Siorraidh ann am Peairt an-diugh.