Fear à Taobh Sear Rois a dhìth anns na h-Innseachan

Lachie Stewart Image copyright Stewart family

Tha an teaghlach aig fear à taobh Sear Rois a tha air a dhol a dhìth anns na h-Ìnnseachan a' sìor fhàs iomgaineach mu shàbhailteachd.

Cha chualas guth bho Lachaidh Stiùbhart, a tha 30, bho thoiseach na Dùbhlachd.

Tha Mgr Stiùbhart, à Port Mo Cholmaig, air a bhith ag obair aig companaidh a phàrantan, Anta ann am Manachainn Rois, ach tha e air a bhith a' fuireach anns na h-Ìnnseachan bhon Ògmhios.

Nuair a chaidh e ann an toiseach, bha e ag obair do chompanaidh ailtearachd ann am Mumbai.

Oifis nan Dùthchanan Cèine

An uairsin bhathas a' tuigsinn gun robh e a' siubhal gu Delhi.

Thuirt teaghlach Mhgr Stiùbhairt gun robh e gu tric a' bruidhinn riutha air a' fòn agus a' cur phost-dealain thuca.

Ach chan eil a theaghlach no a charaidean air dad a chluinntinn bhuaithe bho thoiseach na mìosa seo.

Tha iad air a bhith a' bruidhinn ri Oifis nan Dùthchanan Cèine agus air tagradh a chur air Facebook, feuch am faigh iad fios sam bith.

Tha uallach orra cuideachd leis gur ann Diardaoin seo chaidh a bha an colà-breith aige 's cha chuala iad sian bhuaithe.