600 cosnadh do Loch Abair

An Gearasdan Image copyright Richard Webb/Geograph

Thèid foillseachadh gu-oifigeil Diluain gun tèid barrachd airgid a chur an sàs ann an leaghadair aluminium a' Ghearasdain a chruthaicheas na ceudan obraichean.

Tha an fheadhainn a cheannaich an t-ionad ann an aonta luach £300m airson a leudachadh agus tòiseachadh air nithean aluminium a chruthachadh cuideachd.

Bidh am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, an làthair sa Ghearasdan airson comharrachadh gu bheil an leaghadair a-nis ann an làmhan na buidhne GFG Alliance.

Bha cunnart ann gun deadh an leaghadair a dhùnadh às dèidh don fheadhainn a bha ga ruith, Rio Tinto, ath-sgrùdadh a dhèanamh air staid a' ghnìomhachais.

Tha a' bhuidheann a tha a-niste os cionn chùisean an dùil £120m a chur an sàs ann an Loch Abair, a chruthaicheas 600 cosnadh san sgìre.

Tha 40,000 tunna de dh'aluminium air a dhèanamh san leaghadair gach bliadhna, a tha mar as trice air a ghiollachd ann an àitichean eile.

'S e am plana a-niste am meatailt a chleachdadh air an làraich fhèin airson stuth leithid pàirtean chàraichean a chruthachadh.

Tha planaichean ann cuideachd airson an gnìomhachas a leudachadh gu bhith a' cruthachaidh stàilinn.