Busaichean dol a' sheachnadh slighe Mhalaig/Armadail

MV Coruisk

Thuirt dà chompanaidh bhusaichean gu bheil iad am beachd an t-slighe-aiseig eadar Malaig agus Armadail a sheachnadh leis gu bheil na h-uiread de mhì-cinnt ann mun chlàr-ama.

Bha Caledonian Mac a' Bhruthainn a' cleachdadh dà aiseig as t-samhradh, an àite an MV Coir' Uisg' ach bha trioblaidean leis an alt-aiseig nuair a bha làn ìosal ann.

Chaidh an MV Coir' Uisg' a thogail a dh'aona ghnothach airson na slighe eadar Malaig is Armadail, ach le leudachadh air sgeama RET, cho-dhuin Cal Mac an Coir' Uisg' a ghluasad gu Caol Mhuile.

Clàr-ama

Le làn ìosal ann an Caolas Shlèite bha trioblaid aig an dà bhàta a chaidh a chur an àite a' Choir' Uisg', agus bha gearainean gu leòr ann nach robh iad a' cumail ris a' chlàr-ama.

A-nis tha Kleeman Tours agus companaidh eile, nach deach ainmeachadh fhathast, air innse dhan bhall-parlmaid, Ceit Fhoirbeis nach tèid iad faisg air an t-slighe an ath bhliadhna, leis cho mì-chinnteach 's a bha cùisean dhaibh am bliadhna.

Thuirt Ms Fhoirbeis gu bheil iomagan oirre le cuid de chompanaidhean bhusaichean a' dol a sheachnadh an Eilein Sgiathanaich agus gu bheil seo a' sealltainn gum feumar aiseagan a tha freagarach airson na slighe.

Thuirt fear-labhairt Chaledonian Mhic a' Bhruthainn gu bheil iad air a bhith bruidhinn ri companaidhean bhusaichean a thaobh nam planaichean son as t-samhradh seo tighinn, 's gu bheil iad a' dèanamh an dìchill freagairtean fhaighinn dhaibh.

Thuirt e cuideachd gu bheil gu lèor de chompanaidhean bhusaichean air bùcadh leotha mar-thà son na h-ath bhliadhna 's gu bheil e coimhead gu math fallain.

Aon uair 's gun tèid an clàr-ama aontachadh, thuirt e, thèid fhoillseachadh.