Rabhadh stoirme

coastguard station stornoway

Dh'fhoillsich Oifis a' Mhet rabhadh òmar "bi ullaichte" airson droch-shìde air feadh cuid mhòir de dh'Alba airson Dihaoine agus Disathairne.

Tha rabhaidhean buidhe "thoir an aire" cuideachd air am foillseachadh airson Alba Diciadain gu Disathairne.

Bidh stoirm (air a bheileas a' gabhail Barabal) a' toirt gaoithe suas gu 90m.s.u. gu taobh siar agus ceann a tuath na h-Alba.

Tha Cal Mac air rabhadh a thoirt do dhaoine gum bu chòir dhaibh dèanamh cinnteach gu bheil aiseagan a' seòladh is iad a' siubhal sna làithean a tha romhainn air thoiseach air Nollaig.

Tha an aimsir dimàirt air buaidh a thoirt air 21 a-mach à 26 seirbheisean aiseig aig Cal Mac, le cuid aca air an cur dheth.

Tha rabhaidhean ann cuideachd gun toir an aimsir buaidh air loidhnichean dealain.

Image caption Am Braighe

Ann an Leòdhas chaidh Rathad a' Bhràighe a dhùnadh sa mhadain dimàirt ach dh'fhosgail e rithist feasgar.

Bha dragh ann gum faodadh sprùilleach a tha a' tighinn tarsainn a' bhalla milleadh a dhèanamh.

Bha na ceudan ann an Leòdhas air a bhith as aonais an dealain tron latha, ach tha SSE an dùil gum faigh a' mhòr-chuid cumhachd air ais oidhche mhàirt.

Tha dùil gun socraich a' ghaoth madainn Disathairne.

Tha dùil ri sneachd air talamh àrd mun iar agus mu mheadhan na Gàidhealtachd.

Cabhsairean

Choinnich Co-bhuidheann Planaidh Èiginneach nan Eilean Siar, (WIEPCG) an diugh son beachdachadh air an droch shìde ris a bheil dùil Dihaoine is Disathairne.

Sgaoil iad fiosrachadh an diugh a bha cuideachd stèidhichte air na rabhaidhean bho oifis na sìde.

Dh'iarr iad air daoine a dh'fheumas siubhal a bhith air am faiceall agus dhearbh iad gum bi a' Chomhairle agus na poilis a' cumail sùil gheur air na cabhsairean.

Thug iad comhairle do chompanaidhean togail dèanamh cinnteach gu bheil scafaill agus làraich togail air an dìon.

Agus dh'iarr an t-ùghdarras ionadail air teaghlaichean agus nàbaidhean cuideachadh a thoirt do sheann daoine agus feadhainn aig a bheil feumalachdan sònraichte.

Tha a' chompanaidh dealain SSE air planaichean ullachadh son dèiligeadh le briseadh anns na loidhneachan dealain.

Agus thuirt iad gum faod daoine an loidhne fòn sònraichte aca 105 a chleachdadh son brath a chur thuca mu thrioblaid sam bith leis an dealan.

Thuirt WIEPCG gum faodadh trioblaidhean a bharrachd bualadh air seirbheisean agus gun tèid am fiosrachadh as ùire a sgaoileadh a-rithist Diciadain.