Peilear ga lorg aig an Drochaid Bhàin

Pòl Dòmhnallach agus an nighean aige Eibhlis, agus am peilear. Image copyright Paul MacDonald

Chaidh peilear a chaidh a losgadh sa chiad bhatal de Bhliadhna Theàrlaich a lorg ann am Bràigh Loch Abair.

Anns an Lùnastal 1745 thug Dòmhnallaich na Ceapaich ionnsaigh obann air dà chompanaidh de na Royal Scots aig an Drochaid Bhàin air Abhainn Spithein, a' marbhadh co-dhiù dithis dhiubh.

Chaidh am peilear a lorg le Pòl Dòmhnallach, a tha na arc-eòlaiche stèidhichte ann an Dùn Èideann.

Image copyright Paul Macdonald
Image caption Ghiùlain an Drochaid Bhàn rathad a thog an Riaghaltas thairis air Abhainn Spithein ann am Bràigh Loch Abair.

Bha e a' coimhead ris an làraich le a theaghlach dar a lorg e am peilear.

Às dèidh a' bhatail, chuireadh tilleadh air an 85 Royal Scots a bh' air fhàgail, 's a bha a' falbh eadar Gearasdan Chille Chuimein agus Gearasdan Inbhir Lòchaidh.

Bha iad an impis gabhail tarsainn air Abhain Spithein, a' cleachdadh na Drochaide Bàine a thog an Seanalair Wade ann an 1736.

Lean buidheann eile de Dhòmhnallaich orra, agus thàinig air na Royal Scots gèilleadh, agus chaidh each bàn an caiptein a thoirt don Phrionnsa Teàrlach.

"Cha deach beantainn dhan pheilear seo bho chaidh a chur dhan ghunna a loisg e," thuirt Mgr Dòmhnallach.

"'S e fear de na ciad pheilearan a chaidh a losgadh ann am Bliadhna Theàrlaich. 'S e rud iongantach a th' ann."