Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An Dùbhlachd 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Berlin

Tha Poilis sa Ghearmailt a' ceasnachadh duine fo amharas gun do mharbh e 12 duine nuair a dhràibh e làraidh tro mhargaidh Nollaige ann am Berlin a-raoir. Chaidh mu 50 duine eile a leòn. Tha aithrisean ann gum buineadh an duine do Phagastan agus gun robh e a' sireadh comraich anns a' Ghearmailt.

Agus thuirt Poilis Alba gu bheil iad, an dèidh na thachair ann am Berlin, a' toirt sùil às ùr air am planachan airson dìon an t-sluaigh aig tachartasan poblach. Thuirt iad nach eil cunnart sònraichte sam bith ann as aithne dhaibh ach dh'iarr iad air an t-sluagh a bhith furachail agus faiceallach.

An Tuirc

Chuir an Ruis sgioba rannsachaidh dhan Tuirc an dèidh marbhadh Thosgaire na Ruis ann an Ankara a-raoir. Bha Andrei Karlov a' dèanamh òraid aig gailearaidh ealain nuair a chaidh losgadh air le gunna. 'S e oifigear poilis a rinn am marbhadh agus e coltach gun robh e a' cur an aghaidh pàirt na Ruis ann an cogadh Shiria.

Brexit

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba am planachan airson càirdeas Eòrpach an dèidh dhan Rìoghachd Aonaichte falbh às an EU. Tha Ministear Brexit, Mike Russell, air a bhith ag innse mun phlana airson cothrom a ghlèidheadh anns a' mhargaidh shingilte Eòrpaich agus bheir e tuilleadh fiosrachaidh air an t-suidheachadh sin do Phàrlamaid na h-Alba feasgar.

Obar Dheathain

Thèid luach £350m de leasachadh a dhèanamh air caladh Obar Dheathain le leudachadh air làrach aig Bàgh an Eige faisg air làimh. Tha dùil gun tèid crìoch air a' phròiseact ann an 2020. Thuirt Ministear Còmhdhail na h-Alba, Humza Yousaf, gun tarraing an leasachadh cosnadh agus gnìomhachas a dh'Obar Dheathain.

Slèite

Tha dà chompanaidh siubhail air leigeil fhaicinn nach bi iad a' dol dhan Eilean Sgitheanach an ath-bhliadhna agus iad ag ràdh gur e cho mì-chinnteach 's a tha an t-seirbheis aiseig eadar Malaig agus Armadal as coireach. Tha Fòram Còmhdhail Shlèite air a bhith ag ràdh gur fhada bho thug iadsan rabhadh dhan Riaghaltas agus do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn gur e sin a thachradh.

Ceann Loch Lìobhann

Chaidh dragh a thogail aig coinneimh phoblaich ann an Ceann Loch Lìobhann a-raoir mu phlana airson ceithir teaghlaichean fògarrach à Siria a chur a dh'fhuireach anns a' bhaile. Tha dragh air cuid an sin gun cuir na teaghlaichean cuideam air na seirbheisean slàinte 's foghlaim agus gun toir iad cosnadh bho mhuinntir an àite. Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd ge-tà nach toir an suidheachadh buaidh air buidseat no goireasan an ùghdarrais.