Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An Dùbhlachd 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

A' Ghearmailt

Rinn poilis sa Ghearmailt sreath do rèidean air seòlaidhean air feadh na dùthcha agus iad a' sireadh Anis Amri, an Tunisianach a tha fo amharras a thaobh an ceannairc làraidh ann am Berlin. Chaidh sgrùdadh a dheanamh air grunn sheòlaidhean ann an Dortmund agus Berlin, agus chaidh timcheall air ceithir fichead oifigearan poilis agus saighdearan a steach gu ionad fògarrach faisg air a chrioch leis an Olaind. Cha deach duine a chuir an greim. Tha e air tighinn am follais gun robh na seirbheisean tearainteachd air a bhi a cumail sùil air Amri air sàilleabh na ceangalan a bh' aige le radigich Moslamach.

Tubaist-rathaid

Thuirt Poilis Alba gu bheil iad air an A9 a dhùnadh deas air Inbhir Nis às deidh tubaist rathaid aig an t-Slochd. Tha na seirbhisean èiginn aig an larach, agus tha e air a thuigsinn gun deach co-dhiù aon duine a ghoirteachadh agus gu bheilear ga ghiùlain dhan an ospadal. Tha na poilis ag iarraidh air daoine an sgìre a sheachnadh. Bu chòir do dhraibhearan a' dhol timcheall taobh Bhaile nan Granndach agus Inbhir Narainn.

Bann-leathainn

Thèid ochd deug millean not a bharrachd a chosg airson bann-leathainn fìor luath a leasachadh ann a sgirean dùthchail na h-Alba. Tha an t-airgead a tighinn bho mhaoin do cheithir cheud 's dà fhichead millean not a chaidh fhoillseachadh le Riaghaltas na h-Alba. Thubhairt am ministear airson Alba gu bheil e deatamach gum faigh dachannan agus gnìomhachasan Albannach an teicneòlas a bhios a dhìth orra airson an àm ri teachd.

Multiple Sclerosis

Tha lighichean agus buidhnean carthannais air fàilte a chuir air droga ùr airson multiple sclerosis, 's iad ag ràdh gu bheil e na chlach mhìle anns an iomairt an aghaidh an tinneas. Tha Ocrelizumab a' cur dàil air an tinneas a bhi a' dèanamh adhartas, le bhi a' cur bacadh air a' bhi a' dol dhan eanchainn. Tha corr is ceud mìle neach a fulaing le MS ann am Breatainn.

Slàinte

Bheir Comataidh nan Ath-Chuingean Poblach sùil às ùr an diugh air planaichean airson atharrachadh a dhèanamh air seirbheisean slàinte san Eilean Sgitheanach. Tha luchd-iomairt ann a ceann a tuath an eilein air a bhi a' strì an aghaidh phlanaichean NHS na Gàidhealtachd airson lùghdachadh mòr a dheanamh air seirbheisean aig ospadal Phort Rìgh agus iad airson ospadal ùr a thogail anns an Ath Leathann.

Craig Whyte

Chaidh Craig Whyte, aig an robh Rangers, às àicheadh dà chasaid, aon dhiubh de dh'fhoill, co-cheangailte ri mar a cheannaich e an cluba bho Sir Dàibhidh Moireach ann a 2011. Rinn an luchd-lagh aig Mgr Whyte tagradh anns an Àrd Chùirt ann an Dun Èideann an diugh sa mhadainn. Tha duil gun tòisich a' chùis lagh ann an Glaschu anns a' Ghiblean.

Tom an t-Sabhail

Chaidh Bun-sgoil Thom an t-Sabhail a dhùnadh an diugh airson cothrom a thoirt dha na h-ùghdarrasan an togalach a sgùradh. Tha seo a' leantainn air mar a bha lethcheud sa trì duine-cloinne agus luchd-teagaisg far na sgoile an dè 's iad uile meadhanach. Thuirt Comhairle Mhoireibh nach eil dearbhadh sam bith ann gur ann bhon sgoil a thàinig an galair, ach nuair a tha grunn dhaoine a dol dheth aig an aon àm gu feum iad stiùireadh an NHS a leantainn.