Rabhadh mu dhroch shìde air ùrachadh

Stoirm

Thug Oifis na Sìde ùrachadh air an rabhadh de dhroch aimsir ris a bheil dùil thar na làithean a tha romhainn tro Stoirm Barabail.

Chan eil an rabhadh orainds airson na gaoithe as làidire a-niste an sàs ach airson Dihaoine a-mhàin, ged a chaidh e suas gu 06:00 madainn Dhisathairne roimhe.

Thuirt Oifis na Sìde gum bi a' ghaoth as miosa ann an Ceann a Tuath na h-Alba agus nach eil dùil gun toir an stoirm buaidh cho farsaing 's a bhathar a' sùileachadh.

Dh' fhaodadh gun ruig neart na gaoithe 90msu aig amannan.

Tha na h-Eileanan an Iar, Arcaibh, Sealltainn agus costaichean iar-thuath na dùthcha am measg nan sgìrean far a bheil an rabhadh orainds an sàs.

Tha rabhadh buidhe an sàs airson a' chòrr de dh' Alba agus pàirtean eile de Bhreatainn.

Tha dùil gun socraich a' ghaoth Disathairne ach tha rabhadh buidhe an sàs airson Là na Nollaige agus madainn Dhiluain.

Seribhisean dheth

Chaidh grunn sheòlaidhean aiseag air a chosta siar a chur dheth Dihaoine, 's Calmac air rabhadh gu bheil e coltach gum bi maill air na seirbhisean aca gu lèir.

Bidh aiseagan nan Eilean Siar uile nan tàmh Dihaoine agus duil ri màill air na seirbhisean sin madainn Dhisathairne.

Dh' iarr Loganair air daoine a bha an dùil sgèith leotha eadar an 23mh agus an 24mh den Dùbhlachd fios a chur a thuca ma bha iad airson siubhal aig àm eile.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar nach bi seirbhis bhusaichean nan eilean a ruith Dihaoine agus gun leig iad fios mu sheirbhisean Disathairne a dh' aithghearr.

Thuirt a' Chomhairle cuideachd gum bi iad a cumail sùil gheur, le Poilis na h-Alba, air na cabhsairean agus na drochaidean.

Tha dùil gun toir an stoirm gu h-àraidh buaidh air cabhsairean Uibhist agus Drochaid Scalpaigh.

Chan eil na bùird fiosrachaidh ag obair aig Drochaid Scalpaigh an dràsda ach thuirt a' Chomhairle gum bi am fiosrachadh às ùire mun t-suidheachadh air na cunntasan Twitter agus Facebook aca.