Boireannach marbh às dèidh tubaist rathaid

Chaochail boireannach, 79, às dèidh tubaist rathaid air an A82 aig An Dabhach Dhearg faisg air Inbhir Nis.

Thachair an tubaist aig mu 12:50 Diardaoin eadar carbad Ford Focus, a bha am boireannach a' draibheadh, agus Land Rover Discovery.

Cha deach duine san Land Rover a ghoirteachadh.

Thuirt Poileas Alba gun deach fios a chur gu teaghlach a' bhoireannaich.

Tha an rathad fhathast dùinte eadar Druim na Drochaid agus Dabhach Gairbheach 's na poilis ag ràdh nach eil coltas ann gun tèid fhosgladh a-rithist airson grunn uairean a thìde.

Chaidh slighean eile a chomharrachadh tro Dhruim na Drochaid air an A833/A862 a dh' ionnsaigh na Manachainn agus air an A9/A86 do làraidhean.

Na bu thràithe, chaidh triùir a thoirt dhan ospadal às dèidh tubaist eadar dà charbad air an A9 aig An t-Sloc.

Bha an A9 dùinte airson grunn uairean a thìde às dèidh na tubaist aig 09:30, ach the e a-nist fosgailte a-rithist.