"Misneachd" do dh' iasgairean nan eilean

Bàt-iasgaich

Thuirt Comunn Iasgairean nan Eilean Siar gun d' fhuair iad misneachd bho cho-dhùnadh Riaghaltas na h-Alba gum faod iad a-niste iasgach ann an cuid de sgìrean glèidhte mara.

Chaidh innse dhaibh roimhe gun robh na dòighean iasgach aca mìllteach agus gun deadh an casg.

Chuala an comunn aig coinneamh leis a' riaghaltas ann an Dun Èideann an t-seachdain sa gun robh iad dol a cheadachadh iasgach leithid tràlladh agus dreidearachd ann am barrachd sgìrean mara.

Thuirt Rùnaire Chomunn Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, gu bheil iad an dòchas gun tèid an aon seòrsa dòigh stiùiridh a chur an sàs airson iasgach ann an làraich ghlèidhte eile a thathar a moladh.

"Uill bhiodh sinn an dòchas gur e seo an dòigh air adhart.

"Bi sinne a' dol chun na Buill Pàrlamaid againn fhìn ag iarraidh gun tèid sùil ùr a thoirt air na sgìrean a tha iad air a chomharrachadh agus barrachd grunnd fhosgladh dha na bàtaichean nach leigeadh a leas a bhith air a dhùnadh 's a chiad àite," thuirt e.