Cobhair ga dhèanamh air fear-surfaidh

Thuro lifeboat Image copyright Karen Munro/RNLI
Image caption Bàta teasargain Inbhir Theòrsa agus am fear-surfaidh

Rinn criubha bàta-teasargain cobhair air fear-surfaidh a bh' ann an trioblaid far Inbhir Theòrsa Diardaoin.

Bha e air a bhòrd aige a chall agus air snàmh nas fhaide a-mach nan àbhaist ann a sgìre far am bi daoine tric a' surfadh.

Chaidh a thogail às an uisge le bata-teasargain Inbhir Theòrsa às deidh dhaibh faicinn gun robh e ga fhaighinn doirbh snàmh air ais gu tìr.

Bha an aimsir geamhradail agus suaile mòr ann cuideachd.

Rinn criubha charbad-èiridinn measadh air a shlàinte aig Cala Sgrabastair.