Buaidh Barabal ga fhaireachdain

Eriskay
Image caption Bha sgalan-gaoithe a' ruighinn 74 msu ann an Uibhist a Deas.

Tha Stoirm Barabail air a bhith a' toirt buaidh air iar-thuath na h-Alba Dihaoine.

Chaidh neart na gaoithe a chlàradh aig 91msu aig Drochaid Scalpaigh agus ann an Uibhist a Deas bha sgalan a' ruighinn 74msu.

Tha dùil gun ruig i eadar 80-90msu anns na h-Eileanan an Iar, an t-Eilean Sgitheanach, costa an iar-thuath agus na h-Eileanan mu Thuath.

Chaill na mìlltean dhaoine an dealan 's na h-Eileanan an Iar feasgar.

Thuirt SSE gu bheil iad ag obair gus an dealan a thilleadh gu daoine cho luath sa ghabhas.

Dh'iarr iad air daoine fònadh gu 105 ma thèid an dealan dheth.

Maill

Dhùin Comhairle na Gàidhealtachd cha mhòr 120 sgoil agus sgoil-àraich sa sgìre.

Bha sgoiltean nan Eilean Siar dùinte air saor-làithean mar tha.

Chaidh na h-aiseagan dha na h-Eileanan an Iar agus na h-Eileanan mu Thuath uile an cuir dheth.

Thuirt Calmac cuideachd nach bi seòlaidhean ann nas motha eadar na h-eileanan.

Bha màill air na treanaichean cuideachd agus cuid de sheirbhisean air an cur dheth.

Cha robh na h-uidhear de sheirbhisean-rèile a ruith eadar Inbhir Nis agus a' Chaol, no eadar Inbhir Nis agus Inbhir Ùige.

Chaidh iarraidh air daoine a tha an duil sgeith dha na h-Eileanan sùil a chumail air larach-lìn Flybe airson fiosrachadh mu na seirbhisean aca.