Sneachd is gaoth an lùib Stoirm Conor

Sneachd ann am Baile Chè Image copyright @_DanielFraser
Image caption Bha tòrr sneachda tron oidhche ann am Baile Chè ann an Moireibh.

Tha oifis na sìde air rabhadh orainds a thoirt seachd airson na Gàidhealtachd, nan Eileanan Siar, Arcaibh is Sealtainn.

Tha Stoirm Conor a' gluasad a-steach bhon a Chuan Siar.

Tha eòlaichean a' tomhais gur e na h-eileanan mu thuath is motha a dh'fhuilingeas, ach tha an droch shìde air buaidh a thoirt air sgìrean eile cuideachd.

Tha SSE ag ràdh gu bheil na h-uidhir de dh'àiteachan as aonais dealain ann an Sealtainn, pàirtean de dh'Uibhist a Tuath, Mùideart agus Suaineart.

Sneachd

Thathar ag iarraidh air daoine a tha a' siubhal do na bùithtean son nam fèilltean fiosrachadh fhaighinn mun aimsir mus tèid iad a-mach.

Chaidh rabhaidhean sneachda a chur an sàs bho mheadhan na h-Alba suas dhan cheann a tuath.

Dh'fhaodadh cuid de sgìrean fo 200m eadar 5cm is 10cm faighinn agus eadar 10cm is 15cm do sgìrean nas àirde na 400m.

Agus tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn ag ràdh gum faodadh an droch shìde buaidh a thoirt air cuid de na seòlaidhean aca.

Image copyright Reuters
Image caption Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn ag ràdh gum faodadh an droch shìde buaidh a thoirt air cuid de na seòlaidhean aca.

Tuilleadh air an sgeulachd seo