Barrachd iolairean buidhe anns na h-Eileanan Siar

Iolaire bhuidhe Image copyright Peter Cairns/RSPB
Image caption Thàinig àrdachadh air àireamh nan iolairean buidhe air feadh Alba

Thàinig àrdachadh air na tha de dh'iolairean buidhe anns na h-Eileanan Siar.

Sheall cunntas air àireamh nan eun gun do dh'èirich an àireamh dhiubh ann an Alba air fad bho 442 paidhear ann an 2003 gu 508 ann an 2015.

Chaidh àireamh nan iolairean buidhe anns na h-Eileanan Siar suas bho 79 paidhear ann an 2003 gu 95 ann an 2015.

Tha a-nis mu 20% dhen na th' ann dhiubh air fad a' tighinn beò anns na h-Eileanan Siar.

'S ann ann an Leòdhas agus na Hearadh a chaidh na h-eòin ùra a lorg agus iad air dachaigh a dhèanamh dhaibh fhèin faisg air far a bheil sluagh a' fuireach.

Thuirt SNH gu bheil an t-àrdachadh misneachail agus gum bi na h-iolairean buidhe nan tarraing do luchd-turais aig a bheil ùidh ann am fiadh-bheatha.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile