Cus taighean anns an t-Slac Bhuidhe?

Tha dragh air fear de chomhairlichean Inbhir Nis gum bi cus taighean ann an sgìre an t-Slaic Bhuidhe dhen bhaile.

Tha obair air tòiseachadh mu-thràth airson 60 taigh agus àite-bìdhe ùr faisg air bùth mhòr Asda ach, ma thèid cead a thoirt do phlanaichean luchd-leasachaidh, dh'fhaodadh 200 taigh a bhith ann uile gu lèir.

Tha dragh air a' Chomh. Coinneach Gowans ge-tà mun bhuaidh a bheireadh seo air sgoiltean a' bhaile a tha mu-thràth glè fhaisg air a bhith làn.

Tha e cuideachd ag ràdh gum feumar smaoineachadh air na goireasan eile a bhios a dhìth ma tha barrachd taighean na bha dùil gu bhith air an togail ann an aon sgìre dhen bhaile.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile