Còrr air 5,000 a' gabhail pàirt ann an Etape Loch Nis

etape Loch Ness riders Image copyright Macmillan

Thèid còrr air 5,000 neach-baidhseagail 66 mìle timcheall Loch Nis ann an rèis Etape air an 23mh là dhen Ghiblean.

Bidh còrr is mìle dhuibh sin a' rèiseadh as leth buidheann aillse Mhic a' Mhaoilein agus iad an dùil £200,000 a thogail.

Tha an rèis a' tòiseachadh ann an Inbhir Nis, a' dol air an A82 air taobh a tuath Loch Nis, sìos a Chille Chuimein agus a' cumail a' dol gu deas far a bheil iad a' sreap 4.8 mìle a tha 380m a dh'àirde.

Bidh iad an uair sin air taobh a deas an loch agus air ais a dh'Inbhir Nis.

Chaidh na tiocaidean son pàirt a ghabhail anns an rèis a' reic gu math luath air sgàth 's gu bheil na seallaidhean cho breagha.