Dragh mu sheann trèanaichean

Loidhnichean rèile Image copyright PA
Image caption 'S ann air an t-seirbheis tron oidhche a tha cuid dhen na trèanaichean as sine anns an rìoghachd gan cleachdadh

'S ann air an t-seirbheis tron oidhche eadar Alba agus Lunnainn a tha cuid dhen na trèanaichean as aosta ann am Breatainn gan cleachdadh.

Sheall fiosrachadh bho Oifis Staitistigean na Rèile agus nan Rathaidean gu bheil trèanaichean na seirbheis oidhche, anns a' chumantas, 41 bliadhna de dh'aois.

Tha seann trèanaichean buailteach a bhith nas mì-chofhurtaile, thuirt iad, agus nas trice a' ruith air dheireadh.

Sheall am fiosrachadh cuideachd gu bheil trèanaichean Virgin a tha a' ruith eadar Inbhr Nis agus Obar Dheathain mu 30 bliadhna de dh'aois.

Thuirt Serco, a tha a' ruith na seirbheis oidhche, gu bheil iad a' dealbh trèana ùir a thòisicheas air an t-seirbheis ann an 2018 agus gu bheil iad a' coimhead ri mar a ghabhas an t-seirbheis a leasachadh anns an eadar-ama.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile