Cunntas as sine air sluagh Hiort ga lorg

Hiort
Image caption Bha 90 duine a' fuireach an Hiort ann an 1764, 's gach duine aca ag ithe 18 eòin mhara san là.

Chaidh an cunntas as aosta riamh a chaidh a lorg de shluagh Hiort fhaighinn am measg seann phàipearan ann an Earra-Ghàidheal.

Chaidh an cunntas a dhèanamh ann an 1764, còrr air 50 bliadhna nas tràithe na an cunntas as sine a bha ri lorg ron seo.

Bha na pàipearan am measg na fhuaireadh ann an 13 bogsaichean ann an Caisteal Lachlainn, le cuid dhiubh a' dol air ais 400 bliadhna.

Thog seo ùidh Tasglann Nàiseanta na h-Alba, agus às dèidh rannsachaidh chaidh an cunntas sluaigh as sine ann an eachdraidh Hiort a lorg.

Tha e a' sealltainn gun robh 90 duine a' fuireach ann an Hiort air 15mh an t-Ògmhios 1764.

A thuilleadh air ainmean tha e ag innse na bhiodh iad ag ithe.

A rèir na chaidh a sgrìobhadh b' e sin 36 ugh eòin mhara, agus 18 eòin mhara gach neach gach là.

Tha còignear a' nochdadh sa chunntas a tha a' nochdadh a-rithist anns an ath-chunntas as sinne ann an 1822.

Tha sinnsearan an fheadhainn a dh'fhàg Hiort ann an 1930 cuideachd air an clàradh - sloinnidhean leitheid MacCuinn, Feargasdan, MacIllÌosa, Dòmhnallach is MacFhionnghain.