Bàs is leòn air an A9 sìos 50%

An A9

Tha an àireamh dhaoine a chaidh a ghoirteachadh no a mharbhadh air an A9 air tuiteam timcheall air an dàrna leth bho chaidh camarathan astair ùra a chur ris an rathad.

Tha sin a rèir na buidhne riaghaltais a tha os cionn sàbhailteachd air an rathad.

A rèir Buidheann Sàbhailteachd an A9 bha nas lugha dhràibhearan a' dol nas luaithe na an t-astar ceadaichte thairis air air 21 mhìos bho chaidh na camarathan a tha a' tomhas astair choitchinn a stèidheachadh.

A rèir nan àireamhan aca, bha an àireamh dhaoine a chaidh a mharbhadh air an A9 sìos 43%, agus an àireamh a chaidh a ghoirteachadh sìos 63% san ùine sin.