Iarrtas gun suidheadh an Àrd-Chùirt an Inbhir Nis

Tha am BPA Gàidhealach Uaineach Iain Finnie a' moladh gun suidheadh an Àrd-Chùirt ann an Inbhir Nis a-rithist.

Tha cead dealbhachaidh ga iarraidh le Seirbheis Chùirtean agus Thribiùnalan na h-Alba airson ionad ceartais ùr a thogail anns a' bhaile, a ghabhas àite an taigh-cùirtich a tha an-dràsta stèidhichte ann an Caisteal Inbhir Nis.

Tha Mgr Finnie, a b' àbhaist a bhith na oifigear poilis, ag ràdh gur e cothrom a tha seo leigeil leis an Àrd-Chùirt suidhe ann an Inbhir Nis a-rithist.

Tha e cudromach, thuirt e, gum biodh ceartas air a lìbhrigeadh gu h-ionadail.

Tha e air sgrìobhadh gu Seirbheis Chùirtean agus Thribiùnalan na h-Alba le a bheachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile