Planaichean Gàidhlig nam Poileas

Poileas

Tha Poileas Alba agus Ùghdarras Poilis na h-Alba air na Planaichean Gàidhlig aca fhoillseachadh 'son an ath-chòig bliadhna.

Mhìnich na planaichean mar a thèid aig na Poilis air cur ris a' Ghàidhlig nan obair làitheil.

Thèid suaicheantas corporra nam Poileas a dhèanamh dà-chànanaach anns a h-uile sgìre den dùthaich, agus thèid coimhead ri barrachd chothroman a thoirt don phoball conaltradh a dhèanamh ris na Poilis anns a' Ghàidhlig.

Thèid oifigearan a tha ag iarraidh a' Ghàidhlig ionnsachadh a bhrosnachadh gus sin a dhèanamh.

Thuirt an t-Iar-Àrd-Chonstabal, Anndra Cowie, a th' air cùlaibh nam planaichean, gu bheileas ag aithneachadh cho cudromach 's a tha Gàidhlig do dhualchas na h-Alba.

Thuirt e gu bheil iad cuideachd ag aithneachadh cho cudomach 's a tha i ann an iomadh coimhearsnachd air feadh na dùthcha.

Fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, tha ùghdarras aig Bòrd na Gàidhlig iarraidh air gach Buidhinn Phoblaich agus Ùghdarras Ionadail Plana Gàidhlig ullachadh.