Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An Dùbhlachd 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Debbie Reynolds

Tha luaidh ga dhèanamh air a' chleasaiche Aimeireaganach Debbir Reynolds, a th' air bàsachadh aois 84. Chaochail an nighean aice Carrie Fisher Dimàirt, 's tha e coltach gun robh i a' bruidhinn mun tiodhlacadh sin nuair a chaidh i ann an laigse aig taigh a mic. Tha dùil gun tàinig stròc oirre. Fhuair Debbie Reynolds cliù airson fiolmaichean mòra Hollywood leithid Singing in the Ran. Nochd i cuideachd ann an sreathan telebhisein leithid Will and Grace.

Fuil Thruaillte

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil na ceudan de dhaoine dhan tug an NHS an Alba fuil a bh' air a gannrachadh a-nis air barrachd taic-airgid fhaighinn. Tha còrr air 300 duine a fhuair Hepatitis C a' faighinn cnap airgid luach nan deichean mhìltean notaichean an duine. Chuir luchd-iomairt fàilte air an atharrachadh, ach thuirt iad gu bheil dragh ann fhathast mu chòirichean bhanntrach. Thuirt Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, gun robh an sgeama fhathast ga leasachadh, 's gun robh e na phrìomh amas taic a thoirt dhan fheadhainn as fheumaiche.

An A9

Thuit an àireamh de dhaoine a chaidh a ghoirteachadh no a mharbhadh air an A9 timcheall air an dara leth o chaidh camarathan astair ùr a chur ris an rathad. Sin a rèir Buidhne Sàbhailteachd an A9, a tha os cionn na sgeama chamarathan. Thuirt iad gun robh nas lugha dhràibhearan a' dol nas luaithe na an t-astar ceadaichte thairis air an 21 mhìos o chaidh na camarathan a chur an sàs. A rèir na buidhne chaidh an àireamh de dhaoine a chaidh a mharbhadh air an A9 sìos 43% anns an ùine sin, leis an àireamh a chaidh a ghoirteachadh sìos 63%.

Hiort

Tha an cunntas-sluaigh as sine à Hiort a chaidh a lorg riamh air nochdadh. Bha e am measg phàipearan a bh' ann an Caisteal Lachlainn ann an Earra-Ghàidheal. A rèir Tasglann Nàiseanta na h-Alba tha an cunntas ag innse gun robh 90 duine a' fuireach air an eilean an an 1764, 's gum biodh iad ag ithe 36 ugh à eòin mhara, 's 18 eun mara an duine gach là

Poileas Alba

Tha Poileas Alba 's Ùghdarras Poilis na h-Alba air na planaichean Gàidhlig aca fhoillseachadh airson an ath-chòig bliadhna. Chaidh mìneachadh anns na planaichean ciamar a thèid aig na Poilis air cur ris a' Ghàidhlig nan obair làitheil. Thuirt an t-Iar-Àrd-Chonstabal Anndra Cowie, a th' air cùlaibh a' phlana, gu bheil e ag aithneachadh cho cudromach 's a tha a' Ghàidhlig do dhualchas na h-Alba. Thuirt e gu bheil iad cuideachd ag aithneachadh cho cudromach 's a tha i ann an iomadh coimhearsnachd air feadh na dùthcha. Fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, tha ùghdarras aig Bòrd na Gàidhlig iarraidh air gach buidhinn phoblaich agus ùghdarras ionadail plana Gàidhlig ullachadh.