Strì mhaoineachaidh Ghàidhlig sna h-80an

Nigel Lawson
Image caption Bha an Seansalair, Nigel Lawson, den bheachd nach iarradh an sluagh tuilleadh phrògraman sa Ghàidhlig.

Tha pàipearan a th' air ùr-nochdadh bhon Riaghaltas ag innse nach robh an Seansalair aig an àm, Nigel Lawson, idir airson na milleanan notaichean chur ri telebhisean Ghàidhlig aig deireadh nan ochdadan.

Bha iomairt mhòr a' dol aig an àm airson leudachadh air na bha de phrògraman Gàidhlig gan dèanamh.

Tha pàipearan bho na Tasglannan Nàiseanta a' sealltainn nach robh an Seansalair Nigel Lawson airson barrachd airgid a thoirt seachad airson telebhisein Ghàidhlig aig deireadh nan 80an.

Bha e den bheachd nach bu chòir barrachd phrògraman Gàidhlig a bhith air an sparadh air luchd-amhairc, nach biodh anns a' chumantas gan iarraidh.

Bha Rùnaire na h-Alba, Malcolm Rifkind, airson £8m a bharrachd a thoirt seachad gus an deadh a thrì uimhir de phrògraman a chraoladh.

Bha cuid anns a' Chaibineat, am Prìomhaire Màiread Thatcher nam measg, an aghaidh a' mholaidh an toiseach, ach, fhuair Mgr Rifkind am maoineachadh.

A' bruidhinn ris a' BhBC às dèidh dha na pàipearan seo nochdadh, thuirt e gun robh argamaid làidir ann airson tuilleadh maoineachaidh, 's gun robh e a' smaoineachadh aig an àm gun robh a' Ghàidhlig ann an cunnart a dhol à bith às aonais taic.