Ceann-là nan gunnaichean adhair

Gunna adhair

Bho Dhidòmhnaich 1mh am Faoileach feumaidh daoine le gunnaichean adhair cead oifigeil fhaighinn an leithid a bhith aca, an dèidh teannachadh san lagh.

Ach chaidh innse do chòrr air 3,000 duine a dh'iarr cead airson na gunnaichean a chumail nach tèid dèiligeadh ris na h-iarratasan aca ann an ùine.

Mura bheil cead aig daoine airson gunnaichean adhair bhon Challainn bidh e mì-laghail an cumail, fiù 's ma chaidh cead iarraidh.

Chaidh mu 7,000 iarratas a chur chun nan ùghdarsan ro dheireadh an Damhair, agus bha dùil gun deadh iad troimhe ron cheann-là.

Ach chaidh innse do 3,500 duine a dh'iarr cead thar an dà mhìos mu dheireadh gum feum iad cùisean a chur air dòigh 'son na gunnaichean aca an stòradh san eadar-ama far a bheil cead ghunnaichean, no gum bi iad a' bristeadh an lagha gus am faigh iad cead.

Tha an t-atharrachadh san lagh ag amas air na th' ann de dh'eucoirean ghunna a ghearradh.

'S e gunnaichean adhair a chaidh a chleachdadh ann an timcheall air dàrna leth nan eucoirean san robh gunna an sàs sa bhliadhna mu dheireadh.