Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An Dùbhlachd 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Ruis

Tha an Ruis air 35 duine de thosgairean Aimeireaganach a chur a-mach às an dùthaich mar dhìoghaltas airson na rinn na Stàitean Aonaichte orrasan. Bha an Ceann-Suidhe Obama air 35 duine de luchd-obrach dioplòmasach na Ruis a chur a-mach às na Stàitean Aonaichte agus Aimeireaga a' fàgail air an Ruis gun do ghabh iad gnothach ri taghadh a' Chinn-Suidhe bho chionn ghoirid le bhith a' bristeadh a-staigh gu coimpiutairean a' Phàrtaidh Dheamocrataich. Tha an Ruis a' dol às àicheadh sin.

Bus

Chaidh 17 duine a ghoirteachadh nuair a chaidh bus far an rathaid ann an Oxfordshire anns a' mhadainn an-diugh agus aithrisean ann gun robh ceò a' dèanamh trioblaid do dhràibhearan. Thachair an tubaist air frith-rathad a' falbh far an M40 faisg air Thame.

RBS

Tha feadhainn aig nach eil ach glè bheag de dh'earrannan ann am Banca Rìoghail na h-Alba ag iarraidh comataidh ùr a stèidheachadh a bheir barrachd smachd dhaibhsan air stiùireadh a' bhanca agus iad ag ràdh gun cuidicheadh sin le bhith a' seachnadh èiginn eile den t-seòrsa far am b' fheudar airgead stàite cobhair a dhèanamh air RBS. Thuirt RBS nach d' fhuair iad sealladh ceart fhathast air na molaidhean sin ach gun toir iad sùil mhionaideach orra nuair a gheibh iad an cothrom.

Stailc

Chaidh iarraidh air luchd-siubhail na rèile iad dèanamh cinnteach ro làimh gu bheil trèanaichean a' ruith agus luchd-obrach aig Southern Rail ag ullachadh airson stailc eile. Bidh luchd-obrach a tha anns an aonadh RMT air stailc airson trì là, a' tòiseachadh a-màireach.

Tramaichean

Chan eil siostam tram Dhùn Èideann ach a' giùlain an ceathramh cuid den luchd-siubhail air a bheil e comasach. Tha figearan ùra an-diugh ag ràdh gun robh dùblachadh gu còig millean air an àireimh luchd-siubhail eadar 2014 agus 2015 ach tha an t-seirbheis air chomas còrr 's 20 millean a ghiùlan a h-uile bliadhna. Thuirt fear-labhairt do Thramaichean Dhùn Èideann gur e àireamhan na bliadhna an-uiridh a bha sin agus gu bheil dùil ri àrdachadh mòr anns na figearan airson 2016.

Gunnachan

Chaidh rabhadh a thoirt do chòrr 's 3,000 duine nach tèid dèiligeadh ann an àm ri tagradh airson cead gunnachan-adhair a chumail. Tha an lagh ùr a' tighinn gu bith air a' chiad là den Bhliadhn' Ùir. Chaidh iarraidh orra sin, anns an eadar-ama, na gunnachan-adhair a thoirt do bhùthainnean a tha a' reic ghunnachan no do dhaoine aig a bheil cead gunnachan a chumail.