Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan 11:00m, le clàr-fuaime na chois.

3 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Yorkshire an Iar

Thuirt Poilis Taobh Siar Yorkshire nach robh gnothach sam bith aig ceannairc ris an tachartas an-dè far an do loisg oifigearan armaichte air duine faisg air Huddersfield. Chaidh an duine a mharbhadh nuair a loisg poilis air càr air rathad an M62. Chuir iad triùir an grèim an sin, agus dithis eile ann am Bradford.

Airgead-Dìolaidh nam Poileas

Ràinig an t-suim airgid a phàigh Poilis Alba ann an airgead-dìolaidh an-uiridh an ìre as àirde fhathast a rèir an fhiosrachaidh a fhuair na Tòraidhean ann an Alba. Tha na Tòraidhean ag ràdh gun deach £1.27m a phàigheadh ann an airgead-dìolaidh eadar 2015 agus 2016. Thuirt Poilis Alba nach eil anns an t-suim sin ach earrainn fìor bheag den bhuidseat bhliadhnail aca de £1.1bn.

Teine

Tha dùil ri tuilleadh fiosrachaidh bho na Poilis an-diugh mu theine anns an do chaill duine a bha 23 bliadhna de dh'aois a bheatha, agus anns an deach boireannach òg a dhroch-ghoirteachadh. Chaill Cameron Logan a bheatha san teine ann an dachaigh an teaghlaich ann am Muileann Dhàibhidh oidhche Shathairne. Thuirt na Poilis gur ann a dh'aona-ghothaich a chaidh an teine a thòiseachadh agus gu bheil iad a' dèiligeadh ris mar mhurt.

Rianachd

Tha rannsachadh ùr ag ràdh gu bheil an àireamh chompanaidhean a tha a' dol fodha ann an gnìomhachas ola agus gas na Rìoghachd Aonaichte aig an ìre as motha riamh. Thuirt a' chompanaidh luchd-cunntais, Moore Stephens, gun deach 16 companaidh à bith an-uiridh, dhà a bharrachd air 2015, agus gun idir a chaidh fodha ann an 2012.

Na Làbaraich

Thuirt buidheann phoileasaidh aig a bheil dlùth-cheangal ris na Làbaraich nach eil teansa sam bith aig a' phàrtaidh air an ath-thaghadh coitcheann a ghlèidheadh. Tha an Comann Fabian ag ràdh gum feum na Làbaraich coimhead air co-bhanntachd ri pàrtaidh eile leithid nan Libearalach Deamocratach.

Turasachd

Tha VisitScotland ag amas air eachdraidh na h-Alba a chleachdadh airson tuillead luchd-turais a thàladh am-bliadhna. Tha a' bhuidheann an dòchas brath a ghabhail air gu bheil 2017 air a comharrachadh gu h-oifigeil mar Bhliadhna na h-Eachdraidh, an Dualchais agus an Arc-eòlais ann an Alba.