Bòrd ionadail ga mholadh do HIE

HIE

Mhol BP Gàidhealach gum bi bòrd-stiùiridh, no bòrd-comhairleachaidh fhathast aig Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE), a thuilleadh air a' bhòrd-stiùiridh ùr nàiseanta.

Dh'innis an Riaghaltas an-uiridh gun deadh buidhnean iomairt na h-Alba a chur fo sgèith aon bhùird-stiùiridh ùir Nàiseanta.

Thog cuid aig tuath dragh mu dheidhinn sin, agus iad ag ràdh gun toireadh am bòrd ùr cumhachd air falbh on Ghàidhealtachd 's o na h-Eileanan, 's nach deadh obair leasachaidh a dhèanamh a chùm maith na sgìre.

Ach thuirt Ian Blackford BP, a tha a' riochdachadh Rois, an Eilein Sgitheanaich agus Loch Abar ann an Taigh nan Cumantan, ag ràdh gu bheil esan a' cur a làn-thaic ris a' bhòrd-stiùiridh nàiseanta ùr.

Thuirt e cuideachd ge-tà, gum bu chòir gum bi bòrd eile - ann an seagh comhairleachaidh no stiùiridh - an urra ri leasachadh air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, a thuilleadh air a' bhòrd ùr.

"Tha mi a' cur mo làn-thaic ri stèidheachadh bòrd-stiùiridh nàiseanta, a chruthaicheas, nam bheachd-sa, amas co-obrachaidh agus sàr-chleachdaidh a leigeas le buidhnean leithid HIE leantainn mar einnsean airson leasachaidh eaconamaidh agus coimhearsnachd air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan," thuirt Mgr Blackford ann an litir gu Rùnaire a' Chaibineit, Keith Brown.

"Fhad 's a tha ceistean iomchaidh, agus gu dearbha, draghan mu chunntachas a' bhùird do gach cuid Riaghaltas na h-Alba agus na coimhearsnachdan ris a bheil HIE an urra, tha e gu tur iomchaidh gu bheil a chuid phrìomhachasan fhèin aig HIE a thaobh riaghlaidh chorporra agus cunntachais am broinn an structair ùir.

"Seach gu bheil am bòrd ùr nàiseanta ro-innleachdail na nàdar, chuireadh, nam bheachd-sa, bòrd-stiùiridh no comhairleachaidh ris, a bhruidhneadh ris agus a bheachdaicheadh air prìomhachasan HIE agus na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

"Bhiodh cuideachd loidhnichean aithris soilleir aige seo chun a' bhùird agus chun an Riaghaltais Albannaich."