Bratach "na thogail" do Bharraigh

Coinneamh mu bhratach Bharraigh Image copyright .
Image caption Bha muinntir an eilein gu math brosnachail mun bhratach aig coinneimh phoblaich a chaidh a chumail san Dùbhlachd.

Thuirt luchd-iomairt gum faodadh gun toir inbhe oifigeil do bhratach Bharraigh togail do dh'eaconamaidh an eilein.

Tha an luchd-iomairt airson an ath-cheum a ghabhail a dh'ionnsaigh sin, le iarrtas a chur chun an Rìgh Sheannachaidh gun tèid am bratach - crois gheal air cùl uaine - aithneachadh gu h-oifigeil am measg shuaicheantasan na h-Alba.

Thuirt Philip Tibbetts bho Institiùd nam Brataichean gun robh e math fhaicinn, nuair a thadhail e air Barraigh, mar a bha muinntir an eilein a' toirt taic don bhratach, agus e ri fhaicinn gu tric.

Chuir BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, a thaic ris an iomairt.

"Tha e math dha-rìribh a bhith a' faicinn muinntir Bharraigh a' nochdadh ùidh san smuain seo," thuirt e.

"Air a' cheann thall, 's ann an urra ri muinntir Bharraigh fhèin co-dhùnadh na tha iad airson a dhèanamh leis a' bhratach.

"B' e am faireachdainn a bh' ann aig a' chiad choinneimh a chaidh a chumail san eilean le mi fhèin sa chathair, gun robh daoine den bheachd gun toireadh inbhe oifigeil don bhratach togail do dh'oidhirpean Barraigh a shansasachd, agus gum biodh e na mheahdan air fèin-aithne shònraichte an eilein a thaisbeanadh.

Image caption Thathas a' cleachdadh a' bhrataich gu cumanta am Barraigh, ach chan eil inbhe oifigeil aige.

"Tha am bratach seo ga chleachdadh gu cumanta ann am Barraigh, agus e ri fhaicinn mar thà a' sgèith air bàtaichean-iasgaich, na shuaicheantas air stuthan a rinneadh san eilean, agus air stiogairean càr.

"Tha mi a' dèanamh fiughair ri bhith a' faicinn mar a tha muinntir Bharraigh airson seo a thoirt air aghaidh, agus tha mi an dòchas gur e sin athchuinge fhoirmeil a chur chun an Rìgh Sheannachaidh. Tha mi den bheachd gum faodadh bratach Bharraigh cur gu mòr ri fèin-aithne agus eaconamaidh an eilein."

Bhruidhinn Mgt Tibbetts, a tha na eòlaiche bhrataichean coimhearsnachd aig Institiùd nam Brataichean, ri muinntir an àite mu mar a gheibhear inbhe oifigeil.

"Bha mi gu math toilichte gun deach gabhail cho math ris a' bheachd, agus tha mi a' dèanamh fiughair ri bhith a' toirt taic don phròiseas a' dol air adhart," thuirt e.

"Chòrd e rium gu mòr cuideachd fhaicinn cho mòr 's a tha am bratach ga chleachdadh cheana mu chuairt an eilein - co-dhiù an e sin Pròiseact Bunting Bharraigh is Bhatarsaigh, stiogairean càr, agus gu sònraichte mar stiogairean "Dèante am Barraigh anns na bùithdean."