Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan 11:00m, le clàr-fuaime na chois.

4 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thuirt seann cheannard nan Tòraidhean, Iain Donnchadh Mac a' Ghobhainn, gu bheil esan den bheachd gun do chaill an Riaghaltas earbsa ann an Sir Ivan Rogers, a tha a' fàgail a dhreuchd mar Àrd-Thosgaire Bhreatainn dhan Aonadh Eòrpach. Tha Sir Ivan air a bhith a' càineadh ullachadh an Riaghaltais airson Brexit, agus e ag innse an-dè gu bheil e a' fàgail na h-obrach ochd mìosan nas tràithe na bha dùil. Thuirt Mgr Donnchadh Mac a' Ghobhainn, a th' air taobh Brexit, gun robh an Riaghaltas diombach à Sir Ivan, agus cho tric 's a bha fiosrachadh bhuaithe a' faighinn dha na meadhanan naidheachd.

Israel

Chaidh saighdear Israelach fhaighinn ciontach fo chasaid gun do rinn e marbhadh le coire nuair a loisg e le gunna air Pailistinianach a bh' air a' leòn air a' Bhruaich an Iar an-uiridh. Mharbh an Sgt Elor Azaria am Pailistinianach, a bha an dèidh ionnsaigh a thoirt air saighdear Israelach eile.

An Tuirc

Thuirt Ministear Cèin na Tuirce gu bheil fios aca a-niste cò an duine a thug ionnsaigh air club-oidhche ann an Istanbul tràth air Là na Bliadhna Ùire, ged nach tuirt e cò e. Tha na h-ùghdarrasan fhathast a' coimhead airson an duine an dèidh na h-ionnsaigh anns an deach 39 duine a mharbhadh.

Neo-eisimeileachd

Dh'iarr Riaghaltas na h-Alba a-rithist air an t-sluagh beachdan a thoirt seachad air dreach de bhile airson referendum eile air neo-eisimeileachd do dh'Alba, agus co-chomhairle air a' chùis a' dùnadh an ath-sheachdain. Chàin na Tòraidhean na planaichean 's iad ag ràdh gun robh bhòt fhollaiseach ann an turas mu dheireadh airson fuireach anns an Rìoghachd Aonaichte, agus thuirt na Làbaraich nach cuir iad taic ri plana a tha mì-chùramach.

Oighreachd a' Chrùin

Tha an Dr. Mìcheal Foxley, a bha na Fhear-Gairm air Comhairle na Gàidhealtachd, ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba atharrachadh bunaiteach a thoirt air stiùireadh Oighreachd a' Chrùin. Tha co-chomhairle air a' bhuidhinn a' tòiseachadh an-diugh le cumhachdan ùra Pàrlamaid na h-Alba. Tha an Dr. Foxley ag ràdh gum feum a' choimhearsnachd barrachd smachd fhaighinn air obair Oighreachd a' Chrùin.

Dachaigh-Cùraim

Tha dragh ann gum faodadh dachaigh-cùraim Auchinlee ann an Ceann Loch Chille Chiarain dùnadh agus a' bhuidheann charthannais Crossreach, a bhuineas do dh'Eaglais na h-Alba, ag ràdh gu bheil iad a' call £300,000 sa bhliadhna ga ruith. A-màireach tadhlaidh riochdairean an NHS air seann làrach nam feachdan adhair ann am Machaire Shànais, a bhuineas dhan choimhearsnachd, a dh'fhaicinn a bheil àite freagarrach an sin airson dachaigh cùraim.