Muinntir Bharabhais a' sireadh chòirichean iasgaich

Barabhas Image copyright BBC (Geograph/Vanhercke Christiaan)
Image caption Dh'fhaodadh na còirichean iasgaich feum mòr a dhèanamh a thaobh teachd a-steach na h-oighreachd

Tha Urras Oighreachd Bharabhais ann an Leòdhas ag ullachadh oidhirp gus taic-airgid fhaighinn a leigeas leotha còirichean iasgaich na sgìre a cheannach.

Tha cha mhòr dà bhliadhna ann bho ghabh an t-Urras smachd air an fhearann, ach cha robh an t-airgead aca aig an àm a leigeadh leotha na còirichean iasgaich a cheannach cuideachd.

Tha iad a-nis dol a dh'fheuchainn ris an airgead sin a chruinneachadh.

Cuiridh iad tagraidhean a-steach gu Stòras an Fhearainn agus an Crannchur Nàiseanta airson an airgid.

Dùbhlan

Thuirt fear de stiùirichean an Urrais, Coinneach Iain MacLeòid, gun robh iad mothachail nach biodh e furasta an t-airgead a tha a dhìth orra a chruinneachadh.

"Chan eil an t-ionmhas cho furasta fhaighinn a-nis - tha barrachd dhaoine a' coimhead airson an airgid ach tha sinn dòchasach gum faigh sinn èisteachd co-dhiù".

Tha an t-Urras a' dèanamh dheth gum faodadh na còirichean iasgaich feum mòr a dhèanamh a thaobh teachd a-steach na h-oighreachd.

"Tro thìde, bheireadh e a-steach ionmhas dhan choimhearsnachd agus dhan Urras airson a bhith a' cur a-mach air ais dhan choimhearsnachd".

Ma thèid leotha tha iad ag ràdh gum feumar oidhirp a dhèanamh an uair sin air an àite a mhargaidheachd do dhaoine aig a bheil ùidh ann an iasgach agus sealg.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile