Corp ga lorg faisg air Meudarloch an Earra-Ghàidheal

Dhearbh Poilea Alba gun deach corp fhaighinn air a' chladach ann am Bàgh Àrd Muc-innis faisg air Meudarloch ann an Earra-Ghàidheal.

Fhuaireas an corp aig mu 12:20f Diardaoin.

Thèid rannsachadh post-mortem a dhèanamh agus thèid aithisg mun chùis a chuir gu Neach-Casaid a' Chrùin.