ICT an dòchas gu bheil iad air seud a lorg

Richie Foran Image copyright SNS
Image caption 'S dòcha gu bheil manaidsear ITC, Richie Foran, a' faicinn beagan dheth fhèin mar bhalach ann an Dean Ebbe.

Dean cò? Cò idir a th' ann am Bluebell United?

Tha ceistean mar sin air nochdadh bho chuid de luchd-leantainn Chaley Thistle Inbhir Nis an t-seachdain seo, is an cluba air cùmhnant a thoirt dhan Èireannach òg Dean Ebbe.

Le sgioba Inbhir Nis ann an staing aig bonn na Prìomh Lìge, tha feadhainn mar thà a' ceasnachadh an e seo an seòrsa duine a tha a dhìth orra an-dràsta.

Tha Bluebell, cluba ann am Baile Atha Cliath, a' cluich ann an Lìog Laighean, ìre an ìre mhath ìosal.

Tha Ebbe, 22, air cluich aig ìre nas fheàrr roimhe le Shamrock Rovers, ach 's e ceumanan air ais a ghabh e bhon uairsin le geamaichean an siud is an seo do leithid Longford Town, Athlone Town is Collinstown.

Landaig e aig Bluebell aig toiseach an t-seusain seo is tha na rinn e an sin a-nise air cothrom a thoirt dha ris nach robh e fhèin, no mòran eile, an dùil.

Ceangal

Chan eil an gluasad, ge-tà, buileach cho annasach sa tha e 's dòcha a' coimhead.

Tha manaidsear ICT, Richie Foran, eòlach gu leòr air Bluebell United, is dh'fhaodadh gu bheil e air beagan dheth fhèin fhaicinn ann an Dean Ebbe.

'S ann à Baile Atha Cliath a tha Foran cuideachd, cluicheadair aghaidh a bh' ann, is bhuail cnapan-starra - feadhainn a chruthaich e fhèin gu ìre mhòir - na rathad mar chluicheadair òg.

Ghabh Foran ceumanan air ais cuideachd is bha ceist ann an dèanadh e a' chùis idir mar chluicheadair proifiseanta, ach air a' cheann thall, le taic à feadhainn tuigseach, ghabh e fear de na cothroman is rinn e beò-shlaint mhath às a' gheama.

Thog Foran air seo ann an agallamh anns an Scotsman nuair a fhuair e obair a' mhanaidseir ann an Inbhir Nis an-uiridh.

"Rinn mi mearachdan is dh'ionnsaich mi bhuapa", thuirt Foran.

"Tha tòrr chloinn ann is chan eil a dhìth orra ach cuideigin a chuidicheas iad is a gheibh a' chuid as fheàrr asta.

Image copyright SNS
Image caption A dh'aindeoin trioblaidean is ceumanan air ais mar chluicheadair òg, shoirbhich le Foran air a' cheann thall ann an Alba is Sasainn.

"Lorgaidh tu iad san sgìre dham boin mi ann am Baile Atha Cliath agus air feadh Alba is Sasainn, an seo fhèin ann an Inbhir Nis.

"Tha mise deònach cothrom a thoirt do chluicheadair sam bith a dh'ionnsaicheas bho mhearachdan a rinn e roimhe.

"Bheirinn-sa cothrom dha cuideigin mar Richie Foran", thuirt e.

A dh'aindeoin nan trioblaidean a tha aig Foran aig ICT an-dràsta, tha e a' cumail ris an fheallsanachd sin.

'S e cuideachd an seòrsa feallsanachd a tha air cùl tòrr de na rinn ICT anns na bliadhnaichean a dh'fhalbh.

Ann am bliadhnaichean tràth a' chluba, fhuair feadhainn bho Lìog na Gàidhealtachd cothrom le ICT is chuidich iad Inbhir Nis suas Lìog na h-Alba.

Fo stiùir Terry Butcher an uairsin thàinig gu leòr shuas à lìgean ìosal Shasainn gus cliù a choisinn dhaibh fhèin le Caley Thistle.

Bunait

'S iadsan a' bhunait air an deach an sgioba a bhuannaich Cupa na h-Alba do dh'Inbhir Nis a thogail.

B' e Iain Hughes am manaidsear a bh' ann aig an àm sin, is chan eil teagamh nach do ghluais e fhèin an sgioba a thog Butcher gu ìre nas fheàrr fiù 's na rinn an Sasannach e fhèin.

Chaidh cùisean ceàrr do Hughes às dèidh sin, is e fhèin is an cluba a' dol a-mach air a chèile air a' cheann thall.

Rinn Hughes gearan nach robh an cluba deònach cluicheadairean nas cliùtaich a thoirt a dh'Inbhir Nis, is e a' toirt seachad rabhadh nach b'urrainn dhan chluba leantainn orra mar a bha iad.

Ghabhadh beachd Hughes a thuigsinn is e a' faicinn na sgioba aige tuiteam às a chèile mean air mean.

Bha coltas ann, ge-tà, nach do thuig e fhèin buileach an fheallsanachd a bha air feum a dhèanamh do Chaley Thistle, no cha robh e 'son gabhail ris.

Cha robh e na chleachdadh dhaibh a-riamh feadhainn ro chliùteach a cheannach, ach cothrom a thoirt do chluicheadairean à ìrean nas ìosaile a bha airson cliù a choisinn dhaibh fhèin, is sin mar a chaidh an sgioba a rinn feum do Hughes a thogail.

Tha an cothrom sin a-nise aig Dean Ebbe.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile