Fear-coiseachd air bàsachadh an Loch Abar

Bhàsaich fireannach an dèidh dha tuiteam agus e a' coiseachd anns na beanntan ann an Loch Abar.

Thuirt Poileas Alba gun robh an duine agus caraid dha a' tighinn sìos far an Aonaich Bhig feasgar Diardaoin nuair a thuit e.

Bha heileacoptair mhaor-chladaich agus Buidheann Theasairginn nam Beann ann an Loch Abar an sàs san iomairt.

Thathas a' tuigsinn gur ann à Sasainn a bha an duine.

Thuirt na Poilis gun deach fios a chur gu a theaghlach agus gun deadh ainm fhoillseachadh an ceann ùine.

Seo a' chiad turas am-bliadhna a bhàsaich duine air beanntan na h-Alba, ach tha grunn iomairtean theasairginn air a bhith ann an t-seachdain seo.

Chuir luchd-comhairleachaidh sàbhailteachd ìmpidh air daoine a tha an dùil dèanamh air na beanntan ullachadh a dhèanamh ro làimh agus "ceistean a chur orra fhèin" mus tèid iad ann.