Ola a' dol a dhìth an Uibhist

Ailig agus Mairead Nic a' Phì
Image caption Chaidh ola a ghoid às an tanca aig Ailig agus Mairead Nic a' Phì.

Cha robh Là na Bliadhna Ùire ach gu math fuar aig seann chàraid ann am Beinn nam Fadhla an dèidh dha teas na dachaigh aca briseadh.

Chan e fàiligeadh meacanaigeach a bha seo, ge-tà.

Tha Ailig agus Mairead Nic a' Phì ann am Baile nan Cailleach a' dèanamh a-mach gun deach co-dhiù 1,000 liotair de chonnadh a ghoid às an tanca aig cùl an taighe aca.

Chaidh an tanca a lìonadh air an 13mh den Dùbhlachd.

Mhothaich an càraid nach robh an teas aca ag obair Là na Sàbaid.

Chuir iad a dh'iarraidh am mic, Dòmhnall, agus rinn esan a-mach nach robh ola air fhàgail san tanca.

Sgrùdadh

Rinn iad sgrùdadh mu chuairt an tanca agus a' bhoidhleir faic an robh an ola air a bhith ag aodion, ach bha a h-uile càil tioram agus cha robh pioc fàileadh ola ann.

"Bha sinn gu math tàmailteach, 's gun sinn ach air an ola a lìonadh agus an t-àm den bhliadhna a bh' ann, dìreach an dèidh na Nollaig agus na Bliadhna Ùire. Bha cosgais gu leòr oirnn ged nach tachradh sin dhuinn," thuirt Mairead.

Chuir iad fios air na Poilis ach chan eil fhios le cinnt fhathast dè a thachair.

Tha Ailig den bheachd ge-tà, gun deach an ola a ghoid.

"Chan eil fhios againn dè a thachras fhathast, an aon rud a th' ann gu bheil mise an dòchas gum faigh iad grèim air an fheadhainn a rinn e, agus duine sam bith a nì a leithid tha e gu math suarach," thuirt e.

Tha na Poilis ann am Beinn nam Fadhla air dearbhadh gu bheil iad a' rannsachadh dà chùis is amharas gun deach connadh a ghoid bho thancaichean ola.

Dh'iarr iad air duine sam bith le fiosrachadh fònadh thuca air 101 no air Crimestoppers on 0800 555 111.

Mhol iad gum bu chòir daoine glas a chur air na tancaichean ola aca, agus a bhith a' cumail sùil ghèir air an tanca feuch a bheil an ola a' dol sìos aig an ìre a bhiodh iad an dùil 'son an àm den bhliadhna.

Thuirt iad cuideachd gum bu chòir sùil a thoirt air an tanca nuair a tha an connadh air a chur a-steach ann, agus a bhith cinnteach gu bheil sin a' freagairt air an t-suim a' chaidh a phàigheadh.

Bu chòir do choimhearsnachdan san fharsaingeachd thuirt iad, a bhith mothachail ma tha iad a' faicinn sian amharasach timcheall nan sgìrean aca agus fònadh dha na Poilis.