Sagart ùr air a' Ghàidhealtachd

Maighstir Andrew Niski

Tha sagart ùr ann an Inbhir Nis - is 's e fear a th' ann a ghabh slighe fhada is inntinneach 'son a cheann-ùidhe a ruighinn.

Rugadh Maighstir Andrew Niski, 33, ann an Gdynia ann an Ceann a tuath na Polainn ann an teaghlach Chaitligeach.

Chuir e ùine seachad aig sgoil 'son bhalach Caitligeach ann an Warsaw, ach tha e coltach gun tug turas dhan Ghàidhealtachd às dèidh sin buaidh mhòr air.

Shiubhail e fhèin is caraid a dh'Inbhir Nis is dh'fhuirich iad ann an teanta ann am Pàirc a' Bhucht.

Cha d' fhuair Maighstir Niski fàilte ro bhlàth sa phàirc, oir chaidh na gnothaichean aige a ghoid às an teanta, ach cha b' ann mar sin a bha ann an Eaglais Naomh Moire sa bhaile far an deach taic is cuideachadh a thoirt dha.

Thòisich e a' frithealadh na h-eaglaise gu cunbhalach.

Dùsgadh

Tha e coltach gun robh seo na phàirt de dhùsgadh spioradail a bh' aige aig an àm, ged a thuirt Maighstir Niski gun robh e a' meòrachadh a dhol na shagairt bho bha e na dheugaire.

Chaidh e do Cholaiste nan Albannach san Ròimh na sgoilear ann an 2009 is chuir e crìoch air an fhoghlam aig Seimineiridh Naomh Iain ann an Surrey.

Thill e a dh'Eaglais Naomh Moire ann an Inbhir Nis Disathairne far an deach a choisrigeadh.

B' e Easbaig Obar Dheathain, Uisdean Gilbert, is cha mhòr a h-uile sagart sa cheann a tuath a b' urrainn a bhith ann an làthair.

Nam measg, bha Maighstir Seumas Bell, an sagart mu dheireadh a chaidh a choisrigeadh ann an Eaglais Naomh Moire.

Thachair sin ann an 2005 is Maighstir Bell a' chiad shagart phòsta bho Eaglais Shasainn a chaidh na shagart san Eaglais Chaitligich ann an Alba.

Bidh Maighstir Niski a-nise ag obair còmhla ri Maighstir Bell mar leas-shagart aig Eaglais Naomh Moire.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile