Iarrtas as ùr mu sheòmar-stiùiridh

Carbad-smàlaidh

Cuiridh ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd litir chun a' Phrìomh Mhinisteir mun dragh a th' oirre mu sheirbheis smàlaidh na sgìre.

Tha an Comh. Mairead NicDhàibhidh uair eile ag iarraidh gum bi seòmar èiginneach dha na seirbheisean èiginneach ann an Inbhir Nis.

Bha ùpraid mhòr ann air Ghàidhealtachd nuair a dh'innis Riaghaltas na h-Alba gun dùineadh na h-ionadan stiùiridh smàlaidh sa cheann a tuath.

Dhùin ionadan-stiùiridh Inbhir Nis agus Obar Dheathain air a' mhìos a chaidh.

Tha na gairmean èiginneach a-niste gam freagairt ann an Dùn Dè.

Bhon uair sin is coltach gu bheil grunn dhuilgheadasan air a bhith ann, agus chaidh grunn mhearachdan a dhèanamh cuideachd.

Mar eisimpleir, chaidh iarraidh air an sgioba san Aghaidh Mhòir, am Baile nan Granndach agus Drochaid Charra dèiligeadh le gairm ann an Tom Aitinn, air iomall baile Inbhir nis.

Is coltach cuideachd gun deach fios a chur a dh'ionnsaigh na sgioba san Luirg airson dèiligeadh le gairm san Eilean Sgitheanach - còrr 's 100 mìle air falbh.

Thuirt fear de chomhairlichean an eilein nach robh seo idir math gu leòr.

Thuirt an Comh. Hamish Friseal, ged nach e gairm èiginneach a bh' ann gu bheil e a' cur dragh mhòir air gum faodadh an leithid tachairt.