"Briseadh dùil" air aiseag Armadail

MV Coir' Uisg' Image copyright Cal Mac

Dh'fhoillsich Caledonian Mac a' Bhriuthainn gun tèid dà bhàt'-aiseig - an MV Loch Fyne agus an MV Lord of the Isles - a chur air slighe Mhalaig 's Armadail as t-Samhradh, ach cha bhi an MV Coir' Uisg' a' tilleadh chun na seirbheis am-bliadhna.

Bha mì-thoileachas mòr san sgìre mu mar a bha an t-seirbheis an-uiridh às aonais a' Choir' Uisg'.

Tha dragh air a bhith ann cuideachd nach tàinig fios ron seo air na bha san amharc airson na slighe as t-Samhradh am-bliadhna.

"Cha robh seirbheis chunbhalach no fritheilteach againn air an t-Samhradh a chaidh seachad, agus mar sin chaill na daoine sin an t-uabhas gnothaich ri linn sin," thuirt Cathraiche Fòram Còmhdhail Shlèite, Ruairidh Moireach.

"Ma 's e an aon rud a thachras air an t-Samhradh a tha romhainn, 's e tuilleadh gnothaich a chailleas iad.

"Tha iad air ionmhas agus saothar agus obair mhòr a chur a-steach airson gum bi na gnìomhachasan sin tarraingeach do luchd-turais, agus gum bi iad soirbheachail, agus gum bi daoine ag iarraidh tilleadh air ais thuca.

"Ach leis cho mì-earbsach 's a tha seirbheis an aiseig, tha an droch-eagal oirnn gun cuir daoine cùl ris an sgìre againn buileach glan," thuirt e.

Thuirt BPA an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair agus Bhàideanach, Ceit Fhoirbeis, gun cùm i sùil gheur air an t-seirbheis.

"An dèidh dhomh a dhèanamh soilleir gu bheil mi den bheachd gu bheil a' mhì-chinnt agus am buaireadh mu sheirbheis Armadail na bhuile do ghnothachasan agus muinntir an àite, gu cinnteach 's e briseadh-dùil a th' ann nach deach soitheach ùr a lorg airson na slighe agus nach deach an MV Coir' Uisg' a thilleadh ann," thuirt a' Bh-Ph. Fhoirbeis BPA.

"Ach, tha mi a' cur fàilte air na thathas a' moladh de dh'atharrachaidhean air an MV Loch Fyne gus am freagair i air an t-slighe, agus air na gealltanasan gum bi an clàr-ama nas earbsaiche, 's gum bi barrachd sheòlaidhean ann.

"Tha cuideachd pacaiste taice do ghnothachasan, agus aon phuing chonaltraidh airson na slighe.

"A-niste agus an co-dhùnadh dèante, bidh mi a' cumail sùil gu math geur air a' chiad bheagan sheachdainnean de chlàr-ama an t-Samhraidh.

"Ma bhios càil a choltas ann gum bi an aon sheòrsa bhuairidh agus mì-chinnt ann 's a bh' ann as t-Samhradh an-uiridh, bidh mi a' bruidhinn ri Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf, a th' air gealltainn sùil gu math geur a chumail air an t-seirbheis.

"Air a' cheann thall 's e na tha a dhìth ach soithichean ùra do chabhlach Chal Mac.

"Tha e soilleir gu bheil slighe Malaig-Armadal feumach air soitheach shònraichte dhan urrainn obrachadh leis na h-altan-aiseig a tha stèidhichte am Malaig agus an Armadal, seach soithichean nach obraich gu ceart ach le laimrigean - leithid nan soithichean a tha gan cur air an t-slighe am-bliadhna.

"Gus am bi soitheach sònraichte ann, tha cunnart ann gun toir sin air eaconamaidh chinn a deas an Eilein Sgitheanaich agus Mhalaig a chnàmh.

"Chan ann a-mhàin mu bhàtaichean-aiseig a tha seo, 's ann mu dheidhinn mhuinntir an àite agus gnothachasan ionadail, agus tha mi dha-rìribh an dòchas nach fhaic sinn tuilleadh de na bh' ann an-uiridh."

Thuirt Cal Mac gum biodh clàran-ama an t-Samhraidh ri fhaotainn bho mheadhan là Dimàirt.

Tuilleadh air an sgeulachd seo