Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Boris Johnson

Coinnichidh Rùnaire nan Dùthchannan Cèin, Boris Johnson, ri ceannardan poblachdach ann an Washington an-diugh, an dèidh chòmhraidhean a-raoir le sgioba Dhòmhnaill Trump. Thuirt oifigich ann an New York gun robh an còmhradh a-raoir adhartach agus fosgailte agus gun deach bruidhinn air cho cudromach 's a tha an càirdeas eadar Breatainn agus na Stàitean Aonaichte.

Ruth Davidson

Thuirt ceannard nan Tòraidhean an Alba, Ruth Davidson, gu bheil ise ag iarraidh Breatainn an t-àite as motha a ghabhas a ghlèidheadh anns a' mhargaidh shingilte an dèidh Brexit. Bha ise a' bruidhinn là an dèidh dhan Phrìomhaire, Theresa May, a bhith ag ràdh nach urrainn do Bhreatainn a bhith a' cumail grèim air earrannan den Aonadh Eòrpach agus deasbad ann am feum Breatainn a' mhargaidh shingilte fhàgail ma chuireas i casg air in-imreachd às an EU. Thuirt Ms Davidson ge-tà gu bheil malairt shaor nas cudromaiche dhìse na tha in-imreachd.

Seirbheis Smàlaidh

Tha Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Mairead Davidson, a' sgrìobhadh gu Prìomh Mhinistear na h-Alba a' togail dragh mu sheirbheis smàlaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Tha sreath mhearachdan air tighinn am follais agus gun ach mìos ann bho dhùin ionad stiùiridh Inbhir Nis leis an t-seirbheis sin stèidhte a-niste ann an Dùn Dè. Tha comhairlichean neo-eisimeileach na Gàidhealtachd, le Mairead Davidson air an ceann, ag ràdh gum feumar seòmar-stiùiridh a stèidheachadh a-rithist ann an Inbhir Nis.

Slèite

Tha Cathraiche Fòram Còmhdhail Shlèite ag ràdh gun cuir daoine ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich cùl ri gnìomhachas agus gum fàg iad an sgìre ma bhios an t-seirbheis aiseig cho truagh am-bliadhna 's a bha i an-uiridh. Bha Ruairidh Moireach a' bruidhinn an dèidh dàil ann an clàr-ama an t-Samhraidh aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn ris an robh dùil Dihaoine. Tha e coltach a-niste gur ann an-diugh a thèid sin fhoillseachadh. Ged a thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gu bheil iad duilich mun dàil sin, tha Ruairidh Moireach ag ràdh nach eil an t-seirbheis a tha CalMac a' toirt dhaibh math gu leòr.

Giogha

Tha muinntir Eilein Ghiogha, a cheannaich an t-eilean ann an 2002, a-niste a' feuchainn ri taigh mòr an eilein a cheannach air ais. Chaidh Taigh an Achaidh Mhòir a reic airson airgead a thogail mu choinneimh iasaid a fhuair na h-eileanaich bho Stòras Fearainn na h-Alba. Buinidh gàrraidhean an Achaidh Mhòir do dh'Urras Ghiogha mu thràth agus tha iad a-niste airson na gàrraidhean agus an taigh a leasachadh mar àite turasachd.

Easbaig

Gluaisidh Easbaig Caitligeach Earra-Ghàidheal 's nan Eilean, Brian McGee, gu paraiste Bheinn nam Fadhla airson ceithir mìosan. Bidh e ann an Eaglais Naoimh Moire bhon Ghearran dhan Ògmhios. An uair sin thèid Mgr Philip Massawe na àite chun na Sultaine nuair a thèid sagart stèidhichte a thaghadh dhan pharaiste. Tha Mgr Danny Convery, a tha ann am Beinn nam Fadhla an-dràsta, a' gluasad a Dhrochaid Ruaidh a thoirt taic dhan Mhonsignor Wynne mus leig esan dheth a dhreuchd anns an Ògmhios. Mar as trice tha easbaig na sgìre stèidhichte anns an Òban, ach thuirt an t-Easbaig McGee gu bheil e a' coimhead air adhart ri bhith ag obair agus a' fuireach ann am Beinn nam Fadhla.