Urram dhan neach-naidheachd Dàibhaidh Ross

David Ross Image copyright other

Chaidh duais fad-beatha Barron Trophy a bhuilleachadh air Dàibhidh Ross 'son na h-obrach-naidheachd a tha e air a dhèanamh air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan fad iomadach bliadhna.

Thèid an duais a bhuilleachadh air aig Duais nam Meadhanan 'son na Gàidhleatachd 's nan Eilean air an 3mh Gearran.

Thogadh Dàibhidh ann an Siorrachd Pheairt agus Earra-Ghàidheal agus thug e a-mach dreuchd ann an Dùn Èideann mar neach-teagaisg air Nuadh-Eòlas.

Ach 's e obair-naidheachd a bha fa-near dhà is e a' tòiseachadh aig pàipear-naidheachd choimhearsnachd SCAN agus aig Duileag Foghlam Times na h-Alba mus do thòisich e aig Herald Ghlaschu ann an Dùn Èideann.

Ghluais e gu tuath ann an 1988 far a bheil e fhathast ag obair dhan Herald a' cur ri chèile naidheachdan is sgeulachdan bho air feadh na Gàidhealtachd agus nan eilean.

Ann an 2005 dheasaich e leabhar 'son 50 bliadhna de Chomisean nan Croitearan a' chomharrachadh 'Crofting People and Politics - Five Decades of the Crofters' Commission.'

Bhon Ghiblean 2015, tha Dàibhidh air a bhith ag obair pàirt-ùine dhan Herald.

Tha a mhac Calum a nise air leantainn ann an dreuchd athar 's e na Àrd-Neach-Aithris aig a' Phress & Journal ann an Inbhir Nis.

Tha esan air a' gheàrr-liosta airson Neach-Aithris na Bliadhna aig Duaisean nam Meadhanan.

Thuirt Dàibhaidh gur e urram a bh' ann dha a bhith a' faighinn duais Barron: 'Tha mi a' leantainn ann an làraich-coise dhaoine ainmeil ann an obair-naidheachd a bha mothachail air cho cudromach 's a tha a' Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan dha Alba air fad.'

Chaidh duais Barron a' stèidheachadh ann an 1950 le Evan Barron a bha na dheasaiche air Courier Inbhir Nis.