Pàirc Phlastaig aig Sràid nan Granndach?

Sràid nan Granndach

Thathas a' tuigsinn gu bheileas a' meòrachadh air plana gus pàirce phlastaig a stèidheachadh aig Sràid nan Granndach, dachaigh Clach na Cudainn ann an Inbhir Nis.

Bha miann aig Clach fad iomadach bliadhna plastaig a chur an àite an fhèoir aig Sràid nan Granndach, is an fheadhainn a bha a' ruith a' chluba mus deach iad ann an rianachd ann an 2009, agus a' bhuidheann a shàbhail iad às dèidh sin, a' coimhead an gabhadh e dèanamh.

'S e ionmhas an cnap-starra a bh' ann is cosgais nan ceudan mhìltean not gu bhith ann.

A rèir aithris sa phàipear-naidheachd am Press and Journal, dh'fhaodadh fuasgladh a-nise a bhith ann.

Thathas ag aithris gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd a' coimhead ris a' chùis mar dhòigh air dachaigh ùr a thoirt do chluba eile sa bhaile, Inverness City, agus goireas coimhearsnachd ùr a leasachadh anns a' Mharc Innis aig an aon àm.

Crois

Tha ceist dachaigh do dh'Inverness City air a bhith na crois dhan chluba bho ghabh iad an ceum suas gu ìre junior ann an 2008.

Ghluais iad a' bhliadhna sin bho Cheasaig a Tuath gu Pàirce Cruinneachaidh a' Chinn a Tuath, ach cha robh a' phàirce aca ach gu toiseach seusan a' chriogaid sa Mhàrt.

Dh'fhàg an suidheachadh nach robh cead aca a dhol suas gu lìog nas àirde, is gun robh aca ri cuid de na geamaichean aca a chluiche ann an Inbhir Narann.

Thàinig fuasgladh - gu ìre - ann an 2013 nuair a chaidh pàirce a chur air dòigh dhaibh ann am Pàirce a' Bhucht is feansa ga cur timcheall air pìos den phàirce.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd, ge-tà, gur e suidheachadh eadar-amail a bhiodh ann gus am faigheadh Inverness City pàirce cheart.

Gearain

Rinn cuid gearain air a' bhuaidh a thug an fheansa air coltas Pàirce a' Bhucht.

'S e aonta còig bliadhna a rinn a' Chomhairle leis a' chluba, is an t-ùghdarras ag ràdh nach tèid ùrachadh.

Bha còmhraidhean eadar Clach is City mu Shràid nan Granndach bliadhnaichean air ais, is gu dearbh chleachd Inverness City a' phàirc turas no dhà, ach tha a h-uile coltas ann nach gabhadh a dhèanamh ach nam biodh pàirce phlastaig ann.

Tha e coltach gu bheil ùidh aig an dà chluba sa phlana ùr - is carson nach biodh - is gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd a' sgrùdadh cò às a thigeadh airgead.

Le suidheachadh doirbh ionmhais an ùghdarrais, tha a h-uile coltas ann gum feumadh a' mhòr-mhòr-chuid tighinn à buidhnean eile.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile