Slèitich mì-riaraichte

MV Loch Fyne
Image caption Bha an MV Loch Fyne an toiseach air slighe Chaoil Acainn.

Tha e a' dèanamh dragh do mhuinntir Shlèite an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich nach tèid uiread de luchd-turais dhan sgìre is CalMac air innse nach till an MV Coir' Uisg' chun na slighe eadar Malaig agus Armadal nuair a thòisicheas clàr-ama an t-Samhraidh sa Ghiblean.

Ged a chaidh seirbheisean a bharrachd a ghealltainn air an t-slighe, 's iad an MV Lord of the Isles agus an MV Loch Fyne a bhios oirre.

A rèir Chathraiche Fòram Còmhdhail Shlèite, Ruairidh Moireach, bidh an t-seirbheis fhathast a' crochadh air an tìde-mhara.

"Tha a' chiad chola-deug dheth gu bhith riaslach, air sgàth nach eil am bàta freagarach airson na tìde-mhara a bhios ann air a' chola-deug sin," thuirt e.

Altan-aiseig

"Agus tha iad cuideachd ag innse dhuinn gu bheil 87 là eile a-mach tron t-Samhradh far am bi an clàr-ama air atharrachadh air sgàth na tìde-mhara.

"Tha iad a' dol a chur an MV Loch Fyne agus an MV Lord of the Isles air an t-slighe.

"Nise, chaidh an Loch Fyne a thogail bho chionn 26 bliadhna. Bha i an toiseach a' frithealadh a' Chaoil agus Caol Acainn, dìreach còig mionaidean tarsainn air a' chaolas an sin, ann am fasgadh.

"Tha iad a-nis a' dol ga cur an seo air an Linne Shlèitich, a-null eadar Malaig is Armadal anns a' chuan fhosgailte, agus tha fìor-eagal oirnn nach bi freagarach airson na slighe sin idir idir.

"An-uiridh thuirt iad rinn nach robh am bàta a tha seo freagarach air dhòigh sam bith airson na slighe seo gun cosgais mhòr a dhèanamh airson na h-altan-aiseig a chur air dòigh air a son. A-nise ann an ceann bliadhna tha iad ag ràdh gu bheil i freagarach.

"Mar sin dheth, tha eagal mòr oirnn gur e tuilleadh riaslaidh agus duilgheadais a tha gu bhith romhainn air an t-Samhradh a tha seo, dìreach a cheart cho dona no nas miosa na an Samhradh a chaidh seachad.

"Tha iad ag ràdh rinn gu bheil an t-seirbheis gu bhith nas fheàrr 's gu bheil i gu bhith diofraichte.

"Ach a rèir mar a tha sinne a' faicinn, chan eil sinn a' faicinn ciamar as urrainn sin a bhith.

"Chan eil am bàta freagarach, chan eil na h-amannan freagarach, chan eil i a' dol a fhreagairt air na h-altan-aiseig, agus bidh an aon duilgheadas againn ag atharrachadh a' chlàr-ama bho là gu là a rèir mar a bhios an tìde-mhara a' dol.

"Tha sinn ag iarraidh bàta a bhios freagarach mar a bha an Coir' Uisg' airson gum fritheal i an t-slighe seo aig a h-uile àm a rèir a' chlàr-ama, agus nach leig iad a leas a bhith a' coimhead ri tìde-mhara no rud sam bith eile.

"Gum bi am bàta agus an tìde-mhara agus an aimsir a' tighinn a rèir a chèile, agus gum bi e comasach dhuinn seirbheis a thoirt seachad do dhaoine a bhios coltach ris an t-seirbheis a bh' againn anns an 12 bliadhna a bha an Coir' Uisg' a' ruith an seo.

"Tha fìor-eagal oirnn gun tarraing luchd nam busaichean gu h-àraid air falbh bhon t-slighe seo.

"Tha àiteachan gu leòr eile aca air feadh Alba far am faod iad a dhol leis an luchd-turais, agus 's e call mòr a bhios ann ma thachras sin ann an seo, gun tòisich iad a' tarraing às air sgàth cho mì-chinnteach 's a tha an t-seirbheis aiseig," thuirt e.

Thuirt CalMac gu bheil cruaidh-fheum air an MV Coir' Uisg' air an t-slighe thrang eadar an t-Òban agus Creag an Iubhair.

Ach, tha iad ag ràdh gun d' fhuair iad fuasgladh le bhith a' cleachdadh an MV Lord of the Isles agus an MV Loch Fyne airson iarrtasan mhuinntir Shlèite a choileanadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo