Fear san do bhuail càr air bàsachadh

George Jack Image copyright Police Scotland

Tha fear a chaidh a dhroch-ghoirteachadh nuair a bhuail càr ann air Ghàidhealtachd tràth Là na Bliadhna Ùire air bàsachadh san ospadal.

Bha George Jack, 36 agus a bhuineadh dhan sgìre, a' faighinn cùraim san ospadal ann an Obar Dheathain an dèidh na tubaiste 's e a' coiseachd ri taobh an rathaid an an Omhaich san Eilean Dubh.

Thachair an tubaist mu 05:00m, nuair a bhuail Ford Fiesta geal ann.

Thugadh an toiseach a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis e, mus deach a chur gu Ospadal Rìoghail Obar Dheathain.

Thuirt Poileas Alba gu bheil rannsachadh a' leantainn.