Casg-sgeith air heileacoptairean son deuchainnean sàbhailteachd

Deuchainnean sàbhailteachd Image copyright NEWSLINE MEDIA
Image caption Chaidh deuchainnean sàbhailteachd iarraidh Dimàirt

Chuireadh casg-sgeith eadar-amail air an t-seòrsa heileacoptair a tha ga chleachdadh le na maoir-chladaich, gus an tèid rannsachaidhean sàbhailteachd a dhèanamh.

Tha Sikorsky air sgrùdaidhean iarraidh air a h-uile S92 aca mus sgeith iad a-rithist.

Tha seo a' tighinn às dèidh cùis air clàr-ola sa Chuan a' Tuath air a' mhìos sa chaidh.

'S e na rothan deiridh a tha gan sgrùdadh.

Clàran-ola

Tha heileacoptairean S92 stèidhichte aig làraich nam Maor-cladaich ann am Preastabhaig, Inbhir Nis, Steòrnabhagh agus Sealtainn.

Thòisich na heileacoptairean air an t-seirbheis bho chionn dà bhliadhna son an obair a bha aig na seann 'Sea Kings' a ghabhail os làimh.

Tha an t-òrdugh seo cuideachd air buaidh a thoirt air na seirbheisean a tha a' frithealadh nan clàran-ola sa Chuan a' Tuath.

Thathar an dùil gun toir e eadar 4 is 6 uairean a thìde son deuchainnean sàbhailteachd a dhèanamh air gach heileacopter.

Thuirt Seirbheis nam Maor-chladaich gu bheileas mur thà air itealan Inbhir Nis a thilleadh gu seirbheis.