£50,000 do dh'Urras na Pàirce 'son taigheadais

Cidhe Ghrabhair Image copyright Tom Richardson / Geograph

Fhuair Urras na Pàirce ann an Leòdhas £50,000 bho Stòras Fearainn na h-Alba gus togalach a bha na ionad cùraim do sheann daoine a cheannach.

Cleachdaidh an t-urras an togalach ann an Grabhar mar thaigh teaghlaich le màl reusanta.

Tha an t-urras ag ràdh gur e gainnead thaighean an trioblaid as motha a th' aca, is na chnap-starra teaghlaichean a chumail agus a thàladh dhan sgìre.

Thuirt cathraiche Urras na Pàirce, Aonghas MacDowell, gur e seo a' chiad cheum ann a bhith a' dèiligeadh le crìonadh-sluaigh.

Tha an t-ionad ann an Grabhar air a bhith falamh grunn bhliadhnaichean.

Maoineachadh

Feumaidh an t-urras a-nise barrachd airgid a lorg gus an togalach a leasachadh.

Ma 's e is gun soirbhich leotha - is tha iad dòchasach mun chùis - tha iad an dùil gum bi teaghlach a' fuireach san taigh ùr tràth ann an 2018.

Tha Urras na Pàirce am measg cheithir buidhnean a tha a' roinn cha mhòr £175,000 bho Stòras Fearainn na h-Alba.

Chaidh £37,000 gu buidhinn chùraim chloinne sa Chàrn Dubh ann an Earra-Ghàidheal.

Cleachdaich iadsan an t-airgead gus coille faisg air Loch Fìn a cheannach, is iad an dùil ionad coimhearsnachd is cùraim chloinne a thogail air an làraich.

Fhuair Ionad Crossroads ann an Siorrachd Àir an Ear agus Comann Talla Bhaile Kirkliston faisg air Dùn Èideann taic cuideachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile